Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 6 'Ben Armin' ann am Blàr Athall
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_858
ÀITE
Blàr Athall
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
25310
KEYWORDS
einnsean-smùid
treanaichean
trèanaichean
rathaidean-iarainn
Rèile na Gàidhealtachd
einnseanan-treana
HR 6 'Ben Armin' at Blair Atholl

Ann an 1896 thàinig Peter Drummond a-staigh an àite Daibhidh Jones mar stiùireadair do na h-einnseanan aig Rèile na Gàidhealtachd. B' e a' chiad einnsean a thug Drummond a-steach einnsean do threanaichean luchd-siubhail clas 4-4-0. Chaidh fichead dhiubh a thogail uile gu lèir, le clas dhen ainm "Small Ben" (ainmean bheanntan beaga).

Fhuaireadh a' chiad ochd dhiubh (Àmhn. 1 gu 8) o Dubs & Co. ann an Glaschu eadar an Iuchar 1898 agus An Gearran 1899. Chaidh cnap eile de naoi dhiubh (Àmhn. 9 gu 17) a thogail aig ionad-obrach Rèile na Gàidhealtachd fhèin aig Loch Gorm ann am baile Inbhir Nis eadar an Iuchar 1899 agus An Gearran 1901. Chaidh a' bhuidheann mu dheireadh de thrì dhiubh (Àmhn. 38, 41 is 47) a thogail aig Companaidh Einnseanan-treana Breatainn a Tuath ann an Glaschu an 1906. Chaidh a h-uile h-aon dhiubh gu seilbh an LMS ann an 1923 agus mhair deich dhiubh gus an deach iad ann an seilbh Rèile Bhreatainn ann an 1948.

San dealbh-chamara seo chithear an t-einnsean-smùid HR 6 'Ben Armin' ann am Blàr Athall. Fhuair e an àireamh 14402 on LMS agus chùm e a' dol gus an deach a tharraing à seirbheis san Dùbhlachd 1939.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 6 'Ben Armin' ann am Blàr Athall

PEAIRT: Blàr Athall

einnsean-smùid; treanaichean; trèanaichean; rathaidean-iarainn; Rèile na Gàidhealtachd; einnseanan-treana

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 3 (Drummond classes)

Ann an 1896 thàinig Peter Drummond a-staigh an àite Daibhidh Jones mar stiùireadair do na h-einnseanan aig Rèile na Gàidhealtachd. B' e a' chiad einnsean a thug Drummond a-steach einnsean do threanaichean luchd-siubhail clas 4-4-0. Chaidh fichead dhiubh a thogail uile gu lèir, le clas dhen ainm "Small Ben" (ainmean bheanntan beaga).<br /> <br /> Fhuaireadh a' chiad ochd dhiubh (Àmhn. 1 gu 8) o Dubs & Co. ann an Glaschu eadar an Iuchar 1898 agus An Gearran 1899. Chaidh cnap eile de naoi dhiubh (Àmhn. 9 gu 17) a thogail aig ionad-obrach Rèile na Gàidhealtachd fhèin aig Loch Gorm ann am baile Inbhir Nis eadar an Iuchar 1899 agus An Gearran 1901. Chaidh a' bhuidheann mu dheireadh de thrì dhiubh (Àmhn. 38, 41 is 47) a thogail aig Companaidh Einnseanan-treana Breatainn a Tuath ann an Glaschu an 1906. Chaidh a h-uile h-aon dhiubh gu seilbh an LMS ann an 1923 agus mhair deich dhiubh gus an deach iad ann an seilbh Rèile Bhreatainn ann an 1948. <br /> <br /> San dealbh-chamara seo chithear an t-einnsean-smùid HR 6 'Ben Armin' ann am Blàr Athall. Fhuair e an àireamh 14402 on LMS agus chùm e a' dol gus an deach a tharraing à seirbheis san Dùbhlachd 1939.