Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
BR 54398 'Ben Alder', Inbhir Theòrsa, 1951
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_892D
ÀITE
Inbhir Theòrsa
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Theòrsa
DEIT
1951
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
25344
KEYWORDS
einnsean-smùid
treanaichean
trèanaichean
rathaidean-iarainn
Rèile na Gàidhealtachd
Comann Rèile na Gàidhealtachd
einnseanan-treana
BR 54398 'Ben Alder' at Thurso, 1951

Ann an 1896 thàinig Peter Drummond a-staigh an àite Daibhidh Jones mar stiùireadair do na h-einnseanan aig Rèile na Gàidhealtachd. B' e a' chiad einnsean a thug Drummond a-steach einnsean do threanaichean luchd-siubhail clas 4-4-0. Chaidh fichead dhiubh a thogail uile gu lèir, le clas dhen ainm "Small Ben" (ainmean bheanntan beaga).

Fhuaireadh a' chiad ochd dhiubh (Àmhn. 1 gu 8) o Dubs & Co. ann an Glaschu eadar an Iuchar 1898 agus An Gearran 1899. Chaidh cnap eile de naoi dhiubh (Àmhn. 9 gu 17) a thogail aig ionad-obrach Rèile na Gàidhealtachd fhèin aig Loch Gorm ann am baile Inbhir Nis eadar an Iuchar 1899 agus An Gearran 1901. Chaidh a' bhuidheann mu dheireadh de thrì dhiubh (Àmhn. 38, 41 is 47) a thogail aig Companaidh Einnseanan-treana Breatainn a Tuath ann an Glaschu an 1906. Chaidh a h-uile h-aon dhiubh gu seilbh an LMS ann an 1923 agus mhair deich dhiubh gus an deach iad ann an seilbh Rèile Bhreatainn ann an 1948.

San dealbh-chamara seo chithear an t-einnsean-smùid BR 54398 'Ben Alder' (HR 2 roimhe) ann an Inbhir Theòrsa ann an 1951. Chaidh a tharraing à seirbheis sa Ghearran 1953. 'S e an àireamh LMS a bh' aige 14398.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

BR 54398 'Ben Alder', Inbhir Theòrsa, 1951

GALLAIBH: Inbhir Theòrsa

1950an

einnsean-smùid; treanaichean; trèanaichean; rathaidean-iarainn; Rèile na Gàidhealtachd; Comann Rèile na Gàidhealtachd; einnseanan-treana

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 3 (Drummond classes)

Ann an 1896 thàinig Peter Drummond a-staigh an àite Daibhidh Jones mar stiùireadair do na h-einnseanan aig Rèile na Gàidhealtachd. B' e a' chiad einnsean a thug Drummond a-steach einnsean do threanaichean luchd-siubhail clas 4-4-0. Chaidh fichead dhiubh a thogail uile gu lèir, le clas dhen ainm "Small Ben" (ainmean bheanntan beaga).<br /> <br /> Fhuaireadh a' chiad ochd dhiubh (Àmhn. 1 gu 8) o Dubs & Co. ann an Glaschu eadar an Iuchar 1898 agus An Gearran 1899. Chaidh cnap eile de naoi dhiubh (Àmhn. 9 gu 17) a thogail aig ionad-obrach Rèile na Gàidhealtachd fhèin aig Loch Gorm ann am baile Inbhir Nis eadar an Iuchar 1899 agus An Gearran 1901. Chaidh a' bhuidheann mu dheireadh de thrì dhiubh (Àmhn. 38, 41 is 47) a thogail aig Companaidh Einnseanan-treana Breatainn a Tuath ann an Glaschu an 1906. Chaidh a h-uile h-aon dhiubh gu seilbh an LMS ann an 1923 agus mhair deich dhiubh gus an deach iad ann an seilbh Rèile Bhreatainn ann an 1948. <br /> <br /> San dealbh-chamara seo chithear an t-einnsean-smùid BR 54398 'Ben Alder' (HR 2 roimhe) ann an Inbhir Theòrsa ann an 1951. Chaidh a tharraing à seirbheis sa Ghearran 1953. 'S e an àireamh LMS a bh' aige 14398.