Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bidh Clann Ulaidh
EXTERNAL ID
PC_CHRISTINASTEWART_KOD_02
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Cairistiona Stiùbhart
AITHNEACHADH MAOINE
2548
KEYWORDS
òrain
tàlaidhean
clann
seinn
ceòl
Gàidhlig
Bainnsean
pòsadh
claistinneach

Get Adobe Flash player

'S e seo òran a tha a' coimhead ri là-pòsaidh an naoidhein a tha ga thàladh.

Seo na faclan ris a' chlàradh seo:

Bidh Clann Ulaidh, laoigh 's a lurain
Bidh Clann Ulaidh air do bhanais
Bidh Clann Ulaidh, laoigh 's a lurain
Dèanamh an danns' air do bhanais

Bidh Clann a Rìgh, bidh Clann a Rìgh
Bidh Clann a Rìgh air do bhanais
Bidh Clann a Rìgh, seinnear a' phìob
Òlar am fìon air do bhanais

Bidh Clann Amhlaidh nam fir ghreannmhor
Bidh Clann Amhlaidh air do bhanais
Bidh Clann Amhlaidh nam fir ghreannmhor
Dèanamh an danns' air do bhanais

Bidh Clann a Rìgh, bidh Clann a Rìgh
Bidh Clann a Rìgh air do bhanais
Bidh Clann a Rìgh, seinnear a' phìob
Òlar am fìon air do bhanais

Bidh Clann Choinnich nam feachd soilleir
Bidh Clann Choinnich air do bhanais

Bidh Clann Dhòmhnaill tha cho neònach
Bidh Clann Dhòmhnaill air do bhanais
Bidh Clann Dhòmhnaill tha cho neònach
Dèanamh an danns' air do bhanais

Bidh Clann a Rìgh, bidh Clann a Rìgh
Bidh Clann a Rìgh air do bhanais
Bidh Clann a Rìgh, seinnear a' phìob
Òlar am fìon air do bhanais.

'S ann o 'Kist o Dreams', CD a bheir brosnachadh do luchd-àraich a bhith seinn ri clann òg, a thàinig an tàladh seo. Thagh Cairistiona Stiùbhairt na tàlaidhean an dàrna cuid bhon bha i math orra na leanabachd fhèin air neo gu robh a clann fhèin math orra.

Rugadh Cairistiona Stiùbhairt an Inbhir Nis agus rannsaich i òrain traidisianta mar phàirt de a ceumnachd oilthighe. 'S ann mar dh'aithnicheas i-fhèin na h-òrain a tha iad air an CD ach tha dòighean eile ann a bhith gan seinn. 'S e seo òran a tha a' coimhead ri là-pòsaidh an naoidhein a tha ga thàladh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bidh Clann Ulaidh

2000an

òrain; tàlaidhean; clann; seinn; ceòl; Gàidhlig; Bainnsean; pòsadh; claistinneach

Cairistiona Stiùbhart

Kist o Dreams (CD)