- TIOTAL
- HR 26 'Brahan Castle' ann an Inbhir Ùige, An Lùnastal 1923
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_LOCOMOTIVES_006_006
- ÀITE
- Wick
- DEIT
- 28 An Lùnastal 1923
- LINN
- 1920an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 25490
- KEYWORDS
- locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
Chaidh an dàrna baidse de cheithir einnseanan clas 'Castle' òrdachadh le Rèile na Gàidhealtachd fhad 's a bha Freadaraig Mac a' Ghobhainn na àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean. Chaidh an togail leis an North British Locomotive Co agus chaidh an lìbhrigeadh ann an 1913. Air an àireamhachadh 26, 27, 28 agus 43, bha leasachaidhean beaga orra nach robh air a' bhaidse mu dheireadh. Bha bufairean na b' fhaide, cuachan-mullaich na bu mhotha agus bogsaichean-toit air an leudachadh nam measg sin. Ghluais iad uile gu sealbh LMS agus bha iad uile air an toirt a-mach à seirbheis ron stàit-shealbhachadh ann an 1948.
Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 26 'Brahan Castle'. Chaidh a h-àireamhachadh 14687 leis an LMS agus lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis san Ògmhios 1935