- TIOTAL
- LMS 14691 'Brodie Castle' ann am Peairt , An t-Sultain 1929
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_LOCOMOTIVES_006_019
- ÀITE
- Peairt
- SIORRACHD/PARRAIST
- PEAIRT
- DEIT
- 17 An t-Sultain 1929
- LINN
- 1920an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 25503
- KEYWORDS
- locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd

Chaidh an treas agus am baidse mu dheireadh de locomotaibhean luath luchd-siubhail clas 'Castle' a thoirt a-steach le Rèile na Gàidhealtachd san earrach 1917. Chaidh trì einnseanan a thogail leis an North British Locomotive Co. Air an àireamhachadh 50, 58 agus 59 bha iad eadar-dhealaichte bho na baidsichean roimhe oir bha cuibhlichean dràibhidh na bu mhotha, goileadairean beagan na b' fhaide agus carbadan-frithealaidh le sia cuibhlichean aca. Ghluais iad uile gu sealbh LMS agus bha iad uile air an toirt a-mach à seirbheis ron stàit-shealbhachadh ann an 1948.
Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 14691 'Brodie Castle' (HR 50 roimhe) ann am Peairt san t-Sultain 1929. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis san t-Sultain 1938