Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dean Bà Bà mo Leanabh
EXTERNAL ID
PC_CHRISTINASTEWART_KOD_05
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Cairistiona Stiùbhart
AITHNEACHADH MAOINE
2553
KEYWORDS
òrain
tàlaidhean
clann
seinn
ceòl
Gàidhlig
claistinneach

Get Adobe Flash player

'S e tàladh air a bheil mòran eòlach is dèidheil a tha seo.

Seo na faclan ris a' chlàradh seo:

Dean bà bà mo leanabh, dean cadal a rùin
'S a mhaduinn gu mochthrathadh dh'fhosgail thu sùil
Nuair bha eunlaith na doire ri coireal 's puirt ciùil
Bha thu'd mhagaran làir, a'sàrach nan glùn

Tha na blàithean is àillidh tha fàs air na tuim
A' bhuidheag 's a neòinean 's iad òrbhuidh cruinn
An canachan mòintich, is sòbhrag na coill'
Air dùnadh an sùilean roimh dhùbhradh na h-oidhch'

Nis dean-sa do chadal, a chagarain gràidh
'S gun robh Freasdal 'g ad stiùradh 's gach cùis agus càs
'S e mo mhiann is mo dhùrachd thu, rùin, a bhidh fàs
Mar gheug is i brùchdadh toradh dùbailt thar chàich

Bha thu'd mhagaran làir, a'sàrach nan glùn.

'S ann o 'Kist o Dreams', CD a bheir brosnachadh do luchd-àraich a bhith seinn ri clann òg, a thàinig an tàladh seo. Thagh Cairistiona Stiùbhairt na tàlaidhean an dàrna cuid bhon bha i math orra na leanabachd fhèin air neo gu robh a clann fhèin math orra.

Rugadh Cairistiona Stiùbhairt an Inbhir Nis agus rannsaich i òrain traidisianta mar phàirt de a ceumnachd oilthighe. 'S ann mar dh'aithnicheas i-fhèin na h-òrain a tha iad air an CD ach tha dòighean eile ann a bhith gan seinn.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dean Bà Bà mo Leanabh

2000an

òrain; tàlaidhean; clann; seinn; ceòl; Gàidhlig; claistinneach

Cairistiona Stiùbhart

Kist o Dreams (CD)