Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aithisg air ìre Rathad Thròndairnis aig an àm a chaidh a thogail, duilleag 2
EXTERNAL ID
Z_CDT_06_MEP_1684_3_2
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Snìothasort
DEIT
16 An Cèitean 1817
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann Chlann Dòmhnaill agus Taigh-tasgaidh nan Eilean
AITHNEACHADH MAOINE
2555
KEYWORDS
rathaidean
togail
innleadaireachd
bathar
comhdhail
slighe uisge
a' lìbhrigeadh
Report of progress on the building of the Trotternish Road, page 2

Litir ag innse mun adhartas a thathas a' deànamh air Rathad Throndairnis anns an Eilean Sgitheanach ann an 1817. Tha dà rud cudromach san litir. 'S e a' chiad rud gu bheil W Micheal, Neach-sgrùdaidh nan Rathaidean ag ainmeachadh gu bheil feum air barrachd acfhuinn agus tha e air an ainmeachadh air duilleig eile. Tha an sgrìobhadair ag ràdh gu bheil e cudromach gum bi acfhuinn gu leòr aca, ach am faigh iad air tòiseachadh ag obair an uair a thig am marasgal. Thathas air a bhith iomgaineach mh dheidhinn cho beag eòlais 's a tha aig a' mharascal ann a bhith a' togail bhallachan dìon. Ri linn sin tha dithis a tha eòlach air a bhith a' togail bhallachan dìon, a bha ag obair air Rathad Ghleann Seile gu bhith ag obair don mharasgal.

Cha bhi e comasach an obair a tha ri dhèanamh air na drochaidean a dhèanamh air an t-sèasan seo agus chaneil obair gu leòr ann dhan luchd-màil a tha ag iarraidh a bhith an sàs ann.

'S e an dàrna trioblaid an stuth airson nan rathaidean fhaighinn nas fhaide na port na h-aiseig. Cha tèid a' mhòrchuid dhen fheadhainn a tha a' tighinn leis an stuth nas fhaide air sgàth àrachais. Cha robh an cidhe freagarrach. Bha cosgaisean a bharrachd ann bathar fhaighinn gu àitichean eile anns an Eilean Sgitheanach. Mar sin cha b'urrainn dhan bhathar a bhith air a reic a-rithist gun airgead a chall. Bhiodh e na bu shaoire a cheannach faisg air làimh. Cha robh trioblaid stòraidh ann a-nis oir bhathas ga chumail ann an àitichean eadar-dhealaichte.

Thàinig an làmh-sgrìobhainn seo à cruinneachadh ann an Leabharlann Chlann Dòmhnaill agus Taigh-tasgaidh nan Eilean, an t-Eilean Sgitheanach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aithisg air ìre Rathad Thròndairnis aig an àm a chaidh a thogail, duilleag 2

INBHIR NIS: Snìothasort

1810an

rathaidean; togail; innleadaireachd; bathar; comhdhail; slighe uisge; a' lìbhrigeadh