Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
NR 29 'Dalcross Castle' ann am Blàr Athall
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_006_109
ÀITE
Blàr Athall
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
25586
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
HR 29 'Dalcross Castle' at Blair Atholl

Chaidh an dàrna baidse de cheithir einnseanan clas 'Castle' òrdachadh le Rèile na Gàidhealtachd fhad 's a bha Freadaraig Mac a' Ghobhainn na àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean. Chaidh an togail leis an North British Locomotive Co agus chaidh an lìbhrigeadh ann an 1913. Air an àireamhachadh 26, 27, 28 agus 43, bha leasachaidhean beaga orra nach robh air a' bhaidse mu dheireadh. Bha bufairean na b' fhaide, cuachan-mullaich na bu mhotha agus bogsaichean-toit air an leudachadh nam measg sin. Ghluais iad uile gu sealbh LMS agus bha iad uile air an toirt a-mach à seirbheis ron stàit-shealbhachadh ann an 1948.

Tha an dealbh-camara seo a' sealltainn HR 29 'Dalcross Castle' ann am Blàr Athall. B' e 43 an t-àireamh tùsail a bh' oirre ach chaidh seo atharrachadh goirid an dèidh dhith tòiseachadh ann an seirbheis. Chaidh a h-àireamhachadh 14690 leis an LMS agus lean i ann an seirbheis gus a deach a toirt a-mach à seirbheis sa Ghiblean 1947

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

NR 29 'Dalcross Castle' ann am Blàr Athall

PEAIRT: Blàr Athall

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 4 (Smith classes)

Chaidh an dàrna baidse de cheithir einnseanan clas 'Castle' òrdachadh le Rèile na Gàidhealtachd fhad 's a bha Freadaraig Mac a' Ghobhainn na àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean. Chaidh an togail leis an North British Locomotive Co agus chaidh an lìbhrigeadh ann an 1913. Air an àireamhachadh 26, 27, 28 agus 43, bha leasachaidhean beaga orra nach robh air a' bhaidse mu dheireadh. Bha bufairean na b' fhaide, cuachan-mullaich na bu mhotha agus bogsaichean-toit air an leudachadh nam measg sin. Ghluais iad uile gu sealbh LMS agus bha iad uile air an toirt a-mach à seirbheis ron stàit-shealbhachadh ann an 1948.<br /> <br /> Tha an dealbh-camara seo a' sealltainn HR 29 'Dalcross Castle' ann am Blàr Athall. B' e 43 an t-àireamh tùsail a bh' oirre ach chaidh seo atharrachadh goirid an dèidh dhith tòiseachadh ann an seirbheis. Chaidh a h-àireamhachadh 14690 leis an LMS agus lean i ann an seirbheis gus a deach a toirt a-mach à seirbheis sa Ghiblean 1947