- TIOTAL
- HR 50 'Brodie Castle' ann am Peairt
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_LOCOMOTIVES_006_132
- ÀITE
- Peairt
- SIORRACHD/PARRAIST
- PEAIRT
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 25608
- KEYWORDS
- locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd

Chaidh an treas agus am baidse mu dheireadh de locomotaibhean luath luchd-siubhail clas 'Castle' a thoirt a-steach le Rèile na Gàidhealtachd san earrach 1917. Chaidh trì einnseanan a thogail leis an North British Locomotive Co. Air an àireamhachadh 50, 58 agus 59 bha iad eadar-dhealaichte bho na baidsichean roimhe oir bha cuibhlichean dràibhidh na bu mhotha, goileadairean beagan na b' fhaide agus carbadan-frithealaidh le sia cuibhlichean aca. Ghluais iad uile gu sealbh LMS agus bha iad uile air an toirt a-mach à seirbheis ron stàit-shealbhachadh ann an 1948.
Tha an dealbh-camara seo a' sealltainn HR 50 'Brodie Castle' (HR 50 roimhe) ann am Peairt. Chaidh a h-àireamhachadh 14691 leis an LMS agus lean i ann an seirbheis gus a deach a toirt a-mach à seirbheis san t-Sultain 1938