Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Òran nan Dròbhairean
EXTERNAL ID
PC_FIONA_MACKENZIE_DROVING_01
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
unknown/traditional
NEACH-FIOSRACHAIDH
Fiona J NicCoinnich
AITHNEACHADH MAOINE
2563
KEYWORDS
dròbhairean
dròbhadh
claistinneach

Get Adobe Flash player

Òran nan Dròbhairean

Chaidh an t-òran dròbhaireachd seo, air a sheinn an seo le Fiona J NicCoinnich, a chlàradh ann an 1953 aig Ùisdean MacRath a chuala e aig Dòmhnall MacAoidh à Diùranais. Tha an clàr san Tasglann aig Sgoil Eòlais na h-Alba, Àir. SA 1953-151-02.

'Nach cianail tha mi fhìn s mo Dhomhullan
An Gleann Smeòil mas geamhradh e
Gun neacha beo bhith tighinn 'nar coir
Mus dig McCorn a sheallteainn oirnn
A Righ! gur seachdain liom gach latha
Gus an tig blàths an t-samhraidh oirnn
An uair a bhios na gillean og
A tighinn air toir nan gaimhnaichean

Siod far an robh na seòid
Na dròbhairean nuair ghluaiseadh iad
Na Bàideanaich bho sliabh gu traigh
S an Clarca na dhuin-uasal orr'
Bha Mac Phàrlain is MacMhaoilean
S Mac an t-Saoir a Ruadhainn ann
S ma sheasas iad aig toir na pris
Chan fhearr a' righ na'n tuathanach

S bha iomadh glòir ann an Gleann Smeòil
Nuair thigeadh oirnn a' samhradh ann
A' ghrian mar or dol sìos fo sgleo
Is ceòl an crò nan gamhnaichean
Bhiodh iomadh spors aig sean is og
S bu shòlasach bha'n danns aca
Bhiodh iasg is feòil ri diosgail bhord
Bha sùgh an eòrna is branndaidh ann

Siod far an robh na balaich ghasda
Chridheil thapaidh sheannsgeulach
S nuair thigeadh iad air toir na mart
Cha bhiodh an achlais gann aca
S o! bu toigh leam a' fear fialaidh
A bha riamh mar shamhl' orra
Le osan geàrr is fèileadh-beag
Is daor a chuir a Chaingeis orr'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Òran nan Dròbhairean

2000an

dròbhairean; dròbhadh; claistinneach;

Fiona J NicCoinnich

Droving in the Highlands - Songs

Òran nan Dròbhairean

Chaidh an t-òran dròbhaireachd seo, air a sheinn an seo le Fiona J NicCoinnich, a chlàradh ann an 1953 aig Ùisdean MacRath a chuala e aig Dòmhnall MacAoidh à Diùranais. Tha an clàr san Tasglann aig Sgoil Eòlais na h-Alba, Àir. SA 1953-151-02.

'Nach cianail tha mi fhìn s mo Dhomhullan
An Gleann Smeòil mas geamhradh e
Gun neacha beo bhith tighinn 'nar coir
Mus dig McCorn a sheallteainn oirnn
A Righ! gur seachdain liom gach latha
Gus an tig blàths an t-samhraidh oirnn
An uair a bhios na gillean og
A tighinn air toir nan gaimhnaichean

Siod far an robh na seòid
Na dròbhairean nuair ghluaiseadh iad
Na Bàideanaich bho sliabh gu traigh
S an Clarca na dhuin-uasal orr'
Bha Mac Phàrlain is MacMhaoilean
S Mac an t-Saoir a Ruadhainn ann
S ma sheasas iad aig toir na pris
Chan fhearr a' righ na'n tuathanach

S bha iomadh glòir ann an Gleann Smeòil
Nuair thigeadh oirnn a' samhradh ann
A' ghrian mar or dol sìos fo sgleo
Is ceòl an crò nan gamhnaichean
Bhiodh iomadh spors aig sean is og
S bu shòlasach bha'n danns aca
Bhiodh iasg is feòil ri diosgail bhord
Bha sùgh an eòrna is branndaidh ann

Siod far an robh na balaich ghasda
Chridheil thapaidh sheannsgeulach
S nuair thigeadh iad air toir na mart
Cha bhiodh an achlais gann aca
S o! bu toigh leam a' fear fialaidh
A bha riamh mar shamhl' orra
Le osan geàrr is fèileadh-beag
Is daor a chuir a Chaingeis orr'