- TIOTAL
- LMS 14682 'Beaufort Castle' ann an Inbhir Nis, An Cèitean 1936
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_LOCOMOTIVES_006_191
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- DEIT
- An Cèitean 1936
- LINN
- 1930an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 25659
- KEYWORDS
- locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd

Chaidh a' chiad baidse de locomotaibhean luath luchd-siubhail clas 'Castle' aig Rèile na Gàidhealtachd a thoirt a-steach ann an 1900 le Pàdraig Druiminn. Chaidh a' chiad sia (àireamhan 140 gu 145) a thogail le Dubs à Glaschu agus chaidh an lìbhrigeadh san Ògmhios a' bhliadhna sin. Chaidh ceithir eile (àireamhan 146 gu 149), a chaidh a thogail le Dubs cuideachd, fhaighinn san Iuchar 1902 agus chaidh a dhà eile (àireamhan 35 agus 36) a thogail leis an North British Locomotive Co ann an 1910 agus 1911 fa leth. Ghluais iad uile gu sealbh LMS agus bha iad uile air an toirt a-mach à seirbheis ron stàit-shealbhachadh ann an 1948.
Tha an dealbh-camara seo a' sealltainn LMS 14682 'Beaufort Castle' (HR 147 roimhe) ann an Inbhir Nis sa Chèitean 1936. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis san t-Samhain 1943