Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir a' cur an cuimhne chroitearan sa Bhràighe am màl a phàigheadh, duilleag 2
EXTERNAL ID
Z_CDT_16_MEP4676_3_2
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
DEIT
23 Am Màrt 1882
LINN
1880an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann Chlann Dòmhnaill agus Taigh-tasgaidh nan Eilean
AITHNEACHADH MAOINE
2578
KEYWORDS
Am Bràighe
Blàr a' Bhràighe
Strì an Fhearainn sa Bhràighe
croitearachd
croitearan
fuadaichean
Strì nan Croitearan
litrichean
fiosrachadh
màl
bàillidh
Circular reminding Braes crofters to pay their rent, page 2

Dhiùlt na croitearan anns a' Bhràighe am màl a phàigheadh gus an tugadh an t-uachdaran, Triath Chlann Dòmhnaill dhaibh talamh a' chùl-chinn air Beinn Lì. Chaidh Oifigear Earraid a chur dhan sgìre airson ceannardan nan croitearan a chur an grèim, ach chaidh na rabhaidhean fuadachaidh a losgadh. Chaidh leth-cheud poileas a thoirt à Glaschu ach air an t-slighe eadar Port Rìgh agus am Bràighe choinnich na croitearan iad le maidean agus clachan. Chaidh grunnan de na croitearan a chur an grèim agus chaidh an toirt dhan chùirt ann an Inbhir Nis. Chaidh am faighinn ciontach anns a' chùirt agus chaidh càin a chur orra.

Bha deannan luchd-naidheachd anns a' chùirt agus chaidh suidheachadh nan croitearan a chur fa chomhair an t-sluaigh. 'S ann à seo a thàinig Coimisean Napier a rinn rannsachadh air cor nan croitearan gu lèir. Ri linn Coimisean Napier chaidh Achd nan Croitearan a stèidheachadh ann an 1886.

'S e Triath Chlann Dòmhnaill a sgrìobh a' chuairt-litir seo gu croitearan a' Bhràighe. Tha an lìtir a' cur nan cuimhne gum bu chòir am màl aca a bhith pàighte bho chionn fhada agus gu bheil e mì-laghail gun a phàigheadh. Tha e ag ràdh nach eil còir sam bith aig na croitearan air cùl-chinn Beinn Lì agus gu bheil iad a' pàigheadh màl nas ìsle na cuid ann an àitichean eile anns an Eilean Sgitheanach. Tha e a' maoidheadh orra gun tèid am fuadach mura pàigh iad am màl.

Chaidh a' chuairt-litir seo a sgaoileadh mus deach brath fuadachaidh a thoirt dhaibh.

Thàinig an làmh-sgrìobhainn seo à cruinneachadh ann an Leabharlann Chlann Dòmhnaill agus Taigh-tasgaidh nan Eilean, an t-Eilean Sgitheanach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir a' cur an cuimhne chroitearan sa Bhràighe am màl a phàigheadh, duilleag 2

INBHIR NIS: Port Rìgh

1880an

Am Bràighe; Blàr a' Bhràighe; Strì an Fhearainn sa Bhràighe; croitearachd; croitearan; fuadaichean; Strì nan Croitearan; litrichean; fiosrachadh; màl; bàillidh

Leabharlann Chlann Dòmhnaill agus Taigh-tasgaidh nan Eilean

Braes, Skye papers