Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 60 'Ben Bhreac Mhor'
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_008_393
ÀITE
Glaschu
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
25854
KEYWORDS
einnsean-smùid
treanaichean
trèanaichean
rathaidean-iarainn
Rèile na Gàidhealtachd
einnseanan-treana
HR 60 'Ben Bhreac Mhor'

Sa Chèitean 1908 chaidh ceithir einnseanan clas 4-4-0 o Chompanaidh Locomotive Bhreatainn a Tuath ann an Glaschu a lìbhrigeadh gu Rèile na Gàidhealtachd. Bha dealbhachd nan einnsean seo gu math coltach ri dealbhachd clas nam Beanntan deich bliadhna roimhe, ach le goileadairean na bu mhotha. 'S ann mar seo a fhuair iad am far-ainm na 'Big Bens' agus na 'Small Bens' air an fheadhainn na bu tràithe. Bha carbadan-frithealaidh nan 6-cuibhle aig a' chiad bhuidheann (leis na h-àireamhan 61, 63, 66 agus 68) a nochd ann an 1908. Bliadhna air adhart, chaidh dà einnsean eile (àireamhan 60 is 62) òrdachadh on aon luchd-togail. Bha carbadan-frithealaidh nan 8-cuibhle aig an fheadhainn seo. Mhair a h-uile h-aon den t-sia gus an deach iad ann an seilbh an LMS, ach bha iad uile air a bhith air tarraing às fada mus do ghabh nàiseantachd àite.

San dealbh-chamara seo chithear HR 60 'Ben Bhreac Mhor' na einnsean buileach ùr gun chleachdadh. Chuir an LMS an àireamh 14421 air agus ann an 1924 chaidh an t-ainm beagan diofraichte 'Ben Bhreac' Mhor' a chur air. Chùm e a' dol ann an seirbheis gus an deach a tharraing san Dàmhair 1932.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 60 'Ben Bhreac Mhor'

einnsean-smùid; treanaichean; trèanaichean; rathaidean-iarainn; Rèile na Gàidhealtachd; einnseanan-treana

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 3 (Drummond classes)

Sa Chèitean 1908 chaidh ceithir einnseanan clas 4-4-0 o Chompanaidh Locomotive Bhreatainn a Tuath ann an Glaschu a lìbhrigeadh gu Rèile na Gàidhealtachd. Bha dealbhachd nan einnsean seo gu math coltach ri dealbhachd clas nam Beanntan deich bliadhna roimhe, ach le goileadairean na bu mhotha. 'S ann mar seo a fhuair iad am far-ainm na 'Big Bens' agus na 'Small Bens' air an fheadhainn na bu tràithe. Bha carbadan-frithealaidh nan 6-cuibhle aig a' chiad bhuidheann (leis na h-àireamhan 61, 63, 66 agus 68) a nochd ann an 1908. Bliadhna air adhart, chaidh dà einnsean eile (àireamhan 60 is 62) òrdachadh on aon luchd-togail. Bha carbadan-frithealaidh nan 8-cuibhle aig an fheadhainn seo. Mhair a h-uile h-aon den t-sia gus an deach iad ann an seilbh an LMS, ach bha iad uile air a bhith air tarraing às fada mus do ghabh nàiseantachd àite.<br /> <br /> San dealbh-chamara seo chithear HR 60 'Ben Bhreac Mhor' na einnsean buileach ùr gun chleachdadh. Chuir an LMS an àireamh 14421 air agus ann an 1924 chaidh an t-ainm beagan diofraichte 'Ben Bhreac' Mhor' a chur air. Chùm e a' dol ann an seirbheis gus an deach a tharraing san Dàmhair 1932.