Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 60 'Ben Bhreac Mhor', Inbhir Nis, Iuchar 1915
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_008_397
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1 An t-Iuchar 1915
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
25858
KEYWORDS
einnsean-smùid
treanaichean
trèanaichean
rathaidean-iarainn
Rèile na Gàidhealtachd
Comann Rèile na Gàidhealtachd
einnseanan-treana
HR 60 'Ben Bhreac Mhor' at Inverness, July 1915

Sa Chèitean 1908 chaidh ceithir einnseanan clas 4-4-0 o Chompanaidh Locomotive Bhreatainn a Tuath ann an Glaschu a lìbhrigeadh gu Rèile na Gàidhealtachd. Bha dealbhachd nan einnsean seo gu math coltach ri dealbhachd clas nam Beanntan deich bliadhna roimhe, ach le goileadairean na bu mhotha. 'S ann mar seo a fhuair iad am far-ainm na 'Big Bens' agus na 'Small Bens' air an fheadhainn na bu tràithe. Bha carbadan-frithealaidh nan 6-cuibhle aig a' chiad bhuidheann (leis na h-àireamhan 61, 63, 66 agus 68) a nochd ann an 1908. Bliadhna air adhart, chaidh dà einnsean eile (àireamhan 60 is 62) òrdachadh on aon luchd-togail. Bha carbadan-frithealaidh nan 8-cuibhle aig an fheadhainn seo. Mhair a h-uile h-aon den t-sia gus an deach iad ann an seilbh an LMS, ach bha iad uile air a bhith air tarraing às fada mus do ghabh nàiseantachd àite.

San dealbh-chamara seo chithear HR 60 'Ben Bhreac' Mhor' ann an Inbhir Nis san Iuchar 1915. Thug an LMS an aireamh 14421dha. 'S e 'Ben Bhreac Mhor' a bh' air an toiseach, ach chaidh seo atharrachadh beagan ann an 1924. Chaidh a tharraing à seirbheis san Dàmhair 1932.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 60 'Ben Bhreac Mhor', Inbhir Nis, Iuchar 1915

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1910an

einnsean-smùid; treanaichean; trèanaichean; rathaidean-iarainn; Rèile na Gàidhealtachd; Comann Rèile na Gàidhealtachd; einnseanan-treana

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 3 (Drummond classes)

Sa Chèitean 1908 chaidh ceithir einnseanan clas 4-4-0 o Chompanaidh Locomotive Bhreatainn a Tuath ann an Glaschu a lìbhrigeadh gu Rèile na Gàidhealtachd. Bha dealbhachd nan einnsean seo gu math coltach ri dealbhachd clas nam Beanntan deich bliadhna roimhe, ach le goileadairean na bu mhotha. 'S ann mar seo a fhuair iad am far-ainm na 'Big Bens' agus na 'Small Bens' air an fheadhainn na bu tràithe. Bha carbadan-frithealaidh nan 6-cuibhle aig a' chiad bhuidheann (leis na h-àireamhan 61, 63, 66 agus 68) a nochd ann an 1908. Bliadhna air adhart, chaidh dà einnsean eile (àireamhan 60 is 62) òrdachadh on aon luchd-togail. Bha carbadan-frithealaidh nan 8-cuibhle aig an fheadhainn seo. Mhair a h-uile h-aon den t-sia gus an deach iad ann an seilbh an LMS, ach bha iad uile air a bhith air tarraing às fada mus do ghabh nàiseantachd àite.<br /> <br /> San dealbh-chamara seo chithear HR 60 'Ben Bhreac' Mhor' ann an Inbhir Nis san Iuchar 1915. Thug an LMS an aireamh 14421dha. 'S e 'Ben Bhreac Mhor' a bh' air an toiseach, ach chaidh seo atharrachadh beagan ann an 1924. Chaidh a tharraing à seirbheis san Dàmhair 1932.