- TIOTAL
- Litir mun rathad-iarainn aig a' chompanaidh Marmor an Eilein Sgitheanaich Earr, duilleag 1
- EXTERNAL ID
- Z_CDT_19_MEP4445_12_1
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: An Srath
- DEIT
- 23 An t-Iuchar 1910
- LINN
- 1910an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlann Chlann Dòmhnaill agus Taigh-tasgaidh nan Eilean
- AITHNEACHADH MAOINE
- 2588
- KEYWORDS
- marmor an Eilein Sgitheanaich
cuaraidhean
trèanaichean
rèile
rathaidean iarainn
gnìomhachas
marmor
togail

Tha am fear a sgrìobh na litreach seo na bhall ann an Institiùd nan Innleadairean Sìobhalta agus na Stiùiriche air Marmor an Eilein Sgiathanaich Earranta. Thòisich Marmor an Eilein Sgitheanaich Earranta a' cladhach anns an t-Srath a' cleachdadh luchd-obrach às a' Bheilg ann an 1904. Greis an dèidh sin thog iad rèile a bha a' ceangal na cuaraidh ann an Cille Bhrìghde ri cidhe an Ath Leathainn.
Tha an lìtir ag ràdh gu bheil Marmor an Eilein Sgiatheanaich Earranta air £30,000 a chosg air ceithir mìle de rèile agus drochaid, innealan togail agus innealan cladhaidh aig an dà chuaraidh ann an Cille Bhrìghde. Tha e ag ràdh gum feumar £10,000 eile airson cuaraidhean eile, taighean don luchd-obrach agus àitichean cruinneachaidh. Bhathas a' pàigheadh £250 gach mìos ann an cosnadh aig an àm seo.
Thàinig an làmh-sgrìobhainn seo à cruinneachadh ann an Leabharlann Chlann Dòmhnaill agus Taigh-tasgaidh nan Eilean, an t-Eilean Sgitheanach