- TIOTAL
- LMS 14419 'Ben Mholach' ann an Inbhir Nis
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_LOCOMOTIVES_008_449
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- LINN
- 1920an; 1930an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 25902
- KEYWORDS
- einnsean-smùid
treanaichean
trèanaichean
rathaidean-iarainn
Rèile na Gàidhealtachd
einnseanan-treana

Sa Chèitean 1908 chaidh ceithir einnseanan clas 4-4-0 o Chompanaidh Locomotive Bhreatainn a Tuath ann an Glaschu a lìbhrigeadh gu Rèile na Gàidhealtachd. Bha dealbhachd nan einnsean seo gu math coltach ri dealbhachd clas nam Beanntan deich bliadhna roimhe, ach le goileadairean na bu mhotha. 'S ann mar seo a fhuair iad am far-ainm na 'Big Bens' agus na 'Small Bens' air an fheadhainn na bu tràithe. Bha carbadan-frithealaidh nan 6-cuibhle aig a' chiad bhuidheann (leis na h-àireamhan 61, 63, 66 agus 68) a nochd ann an 1908. Bliadhna air adhart, chaidh dà einnsean eile (àireamhan 60 is 62) òrdachadh on aon luchd-togail. Bha carbadan-frithealaidh nan 8-cuibhle aig an fheadhainn seo. Mhair a h-uile h-aon den t-sia gus an deach iad ann an seilbh an LMS, ach bha iad uile air a bhith air tarraing às fada mus do ghabh nàiseantachd àite.
San dealbh-chamara seo chithear LMS 14419 'Ben Mholach' (HR 64 & 66 roimhe) ann an Inbhir Nis. Chaidh a tharraing à seirbheis san Dàmhair 1935.