Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
LMS 14420 'Ben a' Chait' ann am Peairt
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_008_453
ÀITE
Peairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
25906
KEYWORDS
einnsean-smùid
treanaichean
trèanaichean
rathaidean-iarainn
Rèile na Gàidhealtachd
Comann Rèile na Gàidhealtachd
einnseanan-treana
LMS 14420 'Ben a' Chait' at Perth

Sa Chèitean 1908 chaidh ceithir einnseanan clas 4-4-0 o Chompanaidh Locomotive Bhreatainn a Tuath ann an Glaschu a lìbhrigeadh gu Rèile na Gàidhealtachd. Bha dealbhachd nan einnsean seo gu math coltach ri dealbhachd clas nam Beanntan deich bliadhna roimhe, ach le goileadairean na bu mhotha. 'S ann mar seo a fhuair iad am far-ainm na 'Big Bens' agus na 'Small Bens' air an fheadhainn na bu tràithe. Bha carbadan-frithealaidh nan 6-cuibhle aig a' chiad bhuidheann (leis na h-àireamhan 61, 63, 66 agus 68) a nochd ann an 1908. Bliadhna air adhart, chaidh dà einnsean eile (àireamhan 60 is 62) òrdachadh on aon luchd-togail. Bha carbadan-frithealaidh nan 8-cuibhle aig an fheadhainn seo. Mhair a h-uile h-aon den t-sia gus an deach iad ann an seilbh an LMS, ach bha iad uile air a bhith air tarraing às fada mus do ghabh nàiseantachd àite.

San dealbh-chamara seo chithear LMS 14420 'Ben a' Chait' (HR 65 & 68 roimhe) ann am Peairt. Chaidh a tharraing à seirbheis sa Ghiblean 1934.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

LMS 14420 'Ben a' Chait' ann am Peairt

PEAIRT

einnsean-smùid; treanaichean; trèanaichean; rathaidean-iarainn; Rèile na Gàidhealtachd; Comann Rèile na Gàidhealtachd; einnseanan-treana

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 3 (Drummond classes)

Sa Chèitean 1908 chaidh ceithir einnseanan clas 4-4-0 o Chompanaidh Locomotive Bhreatainn a Tuath ann an Glaschu a lìbhrigeadh gu Rèile na Gàidhealtachd. Bha dealbhachd nan einnsean seo gu math coltach ri dealbhachd clas nam Beanntan deich bliadhna roimhe, ach le goileadairean na bu mhotha. 'S ann mar seo a fhuair iad am far-ainm na 'Big Bens' agus na 'Small Bens' air an fheadhainn na bu tràithe. Bha carbadan-frithealaidh nan 6-cuibhle aig a' chiad bhuidheann (leis na h-àireamhan 61, 63, 66 agus 68) a nochd ann an 1908. Bliadhna air adhart, chaidh dà einnsean eile (àireamhan 60 is 62) òrdachadh on aon luchd-togail. Bha carbadan-frithealaidh nan 8-cuibhle aig an fheadhainn seo. Mhair a h-uile h-aon den t-sia gus an deach iad ann an seilbh an LMS, ach bha iad uile air a bhith air tarraing às fada mus do ghabh nàiseantachd àite.<br /> <br /> San dealbh-chamara seo chithear LMS 14420 'Ben a' Chait' (HR 65 & 68 roimhe) ann am Peairt. Chaidh a tharraing à seirbheis sa Ghiblean 1934.