- TIOTAL
- LMS 15302 ann am Farrais, An Cèitean 1928
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_LOCOMOTIVES_008_474
- ÀITE
- Farrais
- SIORRACHD/PARRAIST
- MOIREIBH
- DEIT
- 30 An Cèitean 1928
- LINN
- 1920an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 25923
- KEYWORDS
- locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd

B' e clas de dh'einnseanan tanca 0-6-4 a bha deilbhte airson obair bancaidh a dhèanamh (bha einnseanan bancaidh air an ceangal ri deireadh trèana gus a cuideachadh suas leathad cas) an locomotaibh mu dheireadh a thug Pàdraig Druiminn a-steach do Rèile na Gàidhealtachd. Bha na 'Banking Tanks' sin air an cumail ann am Blàr Athall agus às an sin chuidicheadh iad trèanaichean a' dìreadh mullach Dhruim Uachdair.
Chaidh ochd a thogail uile gu lèir le Companaidh Locomotaibhean Breatainn a Tuath ann an Glaschu. Chaidh a' chiad bhaidse de cheithir (àireamhaichte 39, 64, 65 agus 69) a' lìbhrigeadh san Ògmhios 1909. Chaidh an còrr (àireamhaichte 29, 31, 42 agus 44) a lìbhrigeadh eadar An Lùnastal 1910 agus An Giblean 1912. A thuilleadh air an obair bancaidh bha iad gu riaghailreach air an cur a dh'obair air seirbheisean luchd-siubhail agus bathair ionadail. Mhair iad uile a-steach do shealbh LMS.
Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 15302 (HR 65 agu 68 roimhe seo) ann am Farrais sa Chèitean 1928. Lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis san Lùnastal 1933.