Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Litir mun rathad-iarainn aig a' chompanaidh Marmor an Eilein Sgitheanaich Earr, duilleag 3
EXTERNAL ID
Z_CDT_19_MEP4445_12_3
ÀITE
An t-Eilean Sgitheanach
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
DEIT
23 An t-Iuchar 1910
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann Chlann Dòmhnaill agus Taigh-tasgaidh nan Eilean
AITHNEACHADH MAOINE
2593
KEYWORDS
marmor an Eilein Sgitheanaich
cuaraidhean
trèanaichean
rèile
rathaidean iarainn
gnìomhachas
marmor
togail
croitean
Letter concerning the railway construction of Skye Marble Ltd, page 3

Tha am fear a sgrìobh na litreach seo na bhall ann an Institiùd nan Innleadairean Sìobhalta agus na Stiùiriche air Marmor an Eilein Sgiathanaich Earranta. Thòisich Marmor an Eilein Sgitheanaich Earranta a' cladhach anns an t-Srath a' cleachdadh luchd-obrach às a' Bheilg ann an 1904. Greis an dèidh sin thog iad rèile a bha a' ceangal na cuaraidh ann an Cille Bhrìghde ri cidhe an Ath Leathainn.

Bhathas air a bhith a' feuchainn ri croit Ceit NicFhionghuin a cheannach ach cha deach dhaibh. Bha stiùrichean a' chompanaidh a' beachdachadh air rèile a chur timcheall air a' chroit air sgàth nach fhaigheadh iad troimhpe. Bhathas dhen bheachd gum faodaiste a dhol eadar a' chroit 's an cladach ach air sgàth ìre an làin cha ghabhadh seo dèanamh.

Cha robh air ach balla dìon cosgail a thogail, no prìs mhath a thoirt do Cheit NicFhionghuin airson an talamh aice agus gealltanas a thoirt dhi air talamh a bha pailt cho math ann an àite eile.

Thàinig an làmh-sgrìobhainn seo à cruinneachadh ann an Leabharlann Chlann Dòmhnaill agus Taigh-tasgaidh nan Eilean, an t-Eilean Sgitheanach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Litir mun rathad-iarainn aig a' chompanaidh Marmor an Eilein Sgitheanaich Earr, duilleag 3

INBHIR NIS: An Srath

1910an

marmor an Eilein Sgitheanaich; cuaraidhean; trèanaichean; rèile; rathaidean iarainn; gnìomhachas; marmor; togail; croitean

Leabharlann Chlann Dòmhnaill agus Taigh-tasgaidh nan Eilean

Clan Donald Library papers - various