Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
LMS 15307 air taobh a-muigh seada Bhlàr Athaill, An Cèitean 1927
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_008_495
ÀITE
Blàr Athall
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
DEIT
An Cèitean 1927
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
25943
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
LMS 15307 outside Blair Atholl shed, May 1927

B' e clas de dh'einnseanan tanca 0-6-4 a bha deilbhte airson obair bancaidh a dhèanamh (bha einnseanan bancaidh air an ceangal ri deireadh trèana gus a cuideachadh suas leathad cas) an locomotaibh mu dheireadh a thug Pàdraig Druiminn a-steach do Rèile na Gàidhealtachd. Bha na 'Banking Tanks' sin air an cumail ann am Blàr Athall agus às an sin chuidicheadh iad trèanaichean a' dìreadh mullach Dhruim Uachdair.

Chaidh ochd a thogail uile gu lèir le Companaidh Locomotaibhean Breatainn a Tuath ann an Glaschu. Chaidh a' chiad bhaidse de cheithir (àireamhaichte 39, 64, 65 agus 69) a' lìbhrigeadh san Ògmhios 1909. Chaidh an còrr (àireamhaichte 29, 31, 42 agus 44) a lìbhrigeadh eadar An Lùnastal 1910 agus An Giblean 1912. A thuilleadh air an obair bancaidh bha iad gu riaghailreach air an cur a dh'obair air seirbheisean luchd-siubhail agus bathair ionadail. Mhair iad uile a-steach do shealbh LMS.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 15307 (HR 44 roimhe seo) air taobh a-muigh seada Bhlàr Athaill sa Chèitean 1927. Lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis san t-Samhainn 1934.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

LMS 15307 air taobh a-muigh seada Bhlàr Athaill, An Cèitean 1927

PEAIRT: Blàr Athall

1920an

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 3 (Drummond classes)

B' e clas de dh'einnseanan tanca 0-6-4 a bha deilbhte airson obair bancaidh a dhèanamh (bha einnseanan bancaidh air an ceangal ri deireadh trèana gus a cuideachadh suas leathad cas) an locomotaibh mu dheireadh a thug Pàdraig Druiminn a-steach do Rèile na Gàidhealtachd. Bha na 'Banking Tanks' sin air an cumail ann am Blàr Athall agus às an sin chuidicheadh iad trèanaichean a' dìreadh mullach Dhruim Uachdair.<br /> <br /> Chaidh ochd a thogail uile gu lèir le Companaidh Locomotaibhean Breatainn a Tuath ann an Glaschu. Chaidh a' chiad bhaidse de cheithir (àireamhaichte 39, 64, 65 agus 69) a' lìbhrigeadh san Ògmhios 1909. Chaidh an còrr (àireamhaichte 29, 31, 42 agus 44) a lìbhrigeadh eadar An Lùnastal 1910 agus An Giblean 1912. A thuilleadh air an obair bancaidh bha iad gu riaghailreach air an cur a dh'obair air seirbheisean luchd-siubhail agus bathair ionadail. Mhair iad uile a-steach do shealbh LMS.<br /> <br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 15307 (HR 44 roimhe seo) air taobh a-muigh seada Bhlàr Athaill sa Chèitean 1927. Lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis san t-Samhainn 1934.