Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HT 70 'River Ness' air a peantadh ann an glas na bùth-obrach, 1915
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_008_501
ÀITE
An Caisteal Nuadh
DEIT
1915
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
25949
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
HR 70 'River Ness' painted in workshop grey, 1915

Chaidh sia 4-6-0 locomotaibhean clas 'River' òrdachadh le Rèile na Gàidhealtachd bho Hawthorn Leslie. Chaidh a' chiad dhà (70 'River Ness' agus 71 'River Tay') a lìbhrigeadh san t-Sultain 1915 ach bha e follaiseach sa bhad gun robh iad ro throm airson drochaidean agus a' chuid mhòr de loidhnichean Rèile na Gàidhealtachd. Chaidh iad sin agus na ceithir einnseanan eile a reic ri Rèile Chaledonia far an deach an àireamhachadh 938 gu 943. An dèidh 1923, neartaich an LMS a' phrìomh loidhne eadar Inbhir Nis agus Peairt agus mar sin dh'obraich na locos air loidhnichean na Gàidhealtachd mu dheireadh thall. Dh'adhbhraich am fàilligeadh mun cuairt a' chlas 'River' gun do leig Freadaraig Mac a' Ghobhainn dheth a dhreuchd mar Phrìomh Einnseanair Meacanaigeach. Bha e air a bhith san dreuchd bhon 1912.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 70 'River Ness' goirid an dèidh dhith a bhith air a' crìochnachadh leis an luchd-togail. Chaidh a h-àireamhachadh 938 le Rèile Chaledonia agus an dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 14756 a bh' innte. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis san t-Samhain 1939.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HT 70 'River Ness' air a peantadh ann an glas na bùth-obrach, 1915

1910an

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 4 (Smith classes)

Chaidh sia 4-6-0 locomotaibhean clas 'River' òrdachadh le Rèile na Gàidhealtachd bho Hawthorn Leslie. Chaidh a' chiad dhà (70 'River Ness' agus 71 'River Tay') a lìbhrigeadh san t-Sultain 1915 ach bha e follaiseach sa bhad gun robh iad ro throm airson drochaidean agus a' chuid mhòr de loidhnichean Rèile na Gàidhealtachd. Chaidh iad sin agus na ceithir einnseanan eile a reic ri Rèile Chaledonia far an deach an àireamhachadh 938 gu 943. An dèidh 1923, neartaich an LMS a' phrìomh loidhne eadar Inbhir Nis agus Peairt agus mar sin dh'obraich na locos air loidhnichean na Gàidhealtachd mu dheireadh thall. Dh'adhbhraich am fàilligeadh mun cuairt a' chlas 'River' gun do leig Freadaraig Mac a' Ghobhainn dheth a dhreuchd mar Phrìomh Einnseanair Meacanaigeach. Bha e air a bhith san dreuchd bhon 1912.<br /> <br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 70 'River Ness' goirid an dèidh dhith a bhith air a' crìochnachadh leis an luchd-togail. Chaidh a h-àireamhachadh 938 le Rèile Chaledonia agus an dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 14756 a bh' innte. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis san t-Samhain 1939.