Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' deànamh coimeas air prìs na ceilpe, duilleag 1
EXTERNAL ID
Z_CDT_20_MEP4491_1_1
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
LINN
1800an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann Chlann Dòmhnaill agus Taigh-tasgaidh nan Eilean
AITHNEACHADH MAOINE
2596
KEYWORDS
ceilp
gnìomhachas
àiteachas
uachdaran
reic
Mac Mhic Ailein
Clann Dòmhnaill
cogaidhean
Comparative kelp prices, page 1

'Coimeas air na chaidh a reic de cheilp do Thriath Chlann Dòmhnaill, agus na chaidh a reic de cheilp do Mhac 'Ic Ailein - anns na bliadhnaichean 1801,1803,1804 agus 1805, na bliadhnaichean air a bheil cunntas againn.'

Bha ghnìomhachas na ceilpe cudromach do dh'uachdarain na Gàidhealtachd aig àm Cogadh Napoleon.Bha an fheamainn ga cruinneachadh, ga tioramachadh agus ga losgadh. Bha stuth ceamaigeach anns an luath a bha air fhàgail, a bhathas a' cleachdadh ann an iomadh gnìomhachas. Nam measg, bha gnìomhachas na glainne agus an t-siabainn. Bhathas ag in-mhalairt nan stuthan ceamaigeach seo gus an do chuir na cogaidhean stad air. Nuair a thòisich an cogadh ann an 1805 bha tunna de luath na ceilpe a reic airson £2 ach mu 1800 bha tunna ga reic airson £22.

Dh' fhaodadh na h-uachdarain tòrr airgid a dhèanamh às a' cheilp agus bha iad a' cur feum air an luchd-màil airson a' cheilp obrachadh ach cha robh iad deònach cosnadh math a thoirt dhaibh. Chuir na h-uachdarain suas am màl agus dh'atharraich iad na còraichean air an talamh. Thug seo air an luchd màil a dhol a dh'obair air a' cheilp airson barrachd airgid a chosnadh.

Tha na pàipearan seo a' mìneachadh an airgid a rinn Triath Chlann Dòmhnaill agus Mac 'Ic Ailein thar nan ceithir bliadhna.
Ann an 1801 rinn Mac 'Ic Ailein £7552 9t 11s agus Triath Chlann Dòmhnaill £6190 6t 8s.
Ann an 1803 rinn Mac 'Ic Ailein £8350 agus Triath Chlann Dòmhnaill £7771 7t 6s.
Ann an 1804 rinn Mac 'Ic Ailein £8225 13t 2s agus Triath Chlann Dòmhnaill £7352 7t 4s.
Ann an 1805 rinn Mac 'Ic Ailein £8139 13t 4s agus Triath Chlann Dòmhnaill £7986 3t 9s.
Tha am pàipear ag ràdh nam biodh a' cheilp aig Triath Chlann Dòmhnaill air a reic aig an aon phrìs ri ceilp Mhac 'Ic Ailein gum biodh an Triath air barrachd airgid a dhèanamh.

Thàinig an làmh-sgrìobhainn seo à cruinneachadh ann an Leabharlann Chlann Dòmhnaill agus Taigh-tasgaidh nan Eilean, an t-Eilean Sgitheanach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' deànamh coimeas air prìs na ceilpe, duilleag 1

1800an

ceilp; gnìomhachas; àiteachas; uachdaran; reic; Mac Mhic Ailein; Clann Dòmhnaill; cogaidhean

Leabharlann Chlann Dòmhnaill agus Taigh-tasgaidh nan Eilean

Clan Donald Library papers