Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Pìob-mhòr Gàidhealach
EXTERNAL ID
AB_ACHILTIBUIE_016
ÀITE
Neo-iomchaidh
DEIT
2006
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Achiltibuie Piping School
NEACH-FIOSRACHAIDH
Achiltibuie Piping School
AITHNEACHADH MAOINE
260
KEYWORDS
feadain
pìoban-sèididh
pìobairean
reacòrdair
reacòrdairean
Highland bagpipes

Tha pìob-mhòr Gàidhealach air a dèanamh suas de bhalg leathair còmhdaichte (màla) agus tha pìob-shèididh, feadan, dos mhòr agus dà dhos bheag air an cur a-steach don sin. Tha na pìoban sin air an dèanamh à fiodh air a thionndadh air beairt-thuairnearachd. 'S e Fiodh-dubh Afraganach as cumanta a thathas a' cleachdadh ann a bhith a' dèanamh pìoban-mòra an-diugh, oir thathas den bheachd gu bheil e math airson an dà chuid tòna agus stèidhealachd. Roimhe seo, bha iomadh seòrsa fiodh air an cleachdadh agus tha feadhainn de na seann phìoban-mòra as fheàrr air an dèanamh de chocus no ebonaidh.

Gu traidsieanta tha cupannan nam pìiosan a tha a' stobadh a-mach air a bhith air an dèanamh de dh'adhairc, feòdar, airgead no ìbhri. An-diugh tha ìbhri fìor doirbh fhsighinn ach chaidh ìbhri brèige a leasachadh bho ròiseid dhathte, nach eil a' searg no a' sgàineadh. Chan ann dìreach airson sgeadachadh a tha na cupannan sin ach tha iad a' cur stad air an fhiodh bho bhith a' sgoltadh.

Tha am pìobaire a' sèideadh tron phìob-sèididh gus am balg a tha e a' cumail fo ghàirdean chlì a sèideadh suas, agus tha na dosan thar a ghualainn chlì. Tha e a' cleachdadh a' bhalg mar stòr-amar de dh'eàdhar gus bruthadh a chumail air na ribheidean anns na trì dosan, a tha a' dèanamh nota stèidhichte leantainneach a tha a' dol leis an fhonn. Tha am fonn fhèin air a chluich air an fheadan, ionnramaid coltach ri reacòrdair le tuill meòir a bhios am pìobaire a' còmhdach agus a' fosgladh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Pìob-mhòr Gàidhealach

2000an

feadain; pìoban-sèididh; pìobairean; reacòrdair; reacòrdairean

Achiltibuie Piping School

Bagpipes from Achiltibuie Piping School

Tha pìob-mhòr Gàidhealach air a dèanamh suas de bhalg leathair còmhdaichte (màla) agus tha pìob-shèididh, feadan, dos mhòr agus dà dhos bheag air an cur a-steach don sin. Tha na pìoban sin air an dèanamh à fiodh air a thionndadh air beairt-thuairnearachd. 'S e Fiodh-dubh Afraganach as cumanta a thathas a' cleachdadh ann a bhith a' dèanamh pìoban-mòra an-diugh, oir thathas den bheachd gu bheil e math airson an dà chuid tòna agus stèidhealachd. Roimhe seo, bha iomadh seòrsa fiodh air an cleachdadh agus tha feadhainn de na seann phìoban-mòra as fheàrr air an dèanamh de chocus no ebonaidh.<br /> <br /> Gu traidsieanta tha cupannan nam pìiosan a tha a' stobadh a-mach air a bhith air an dèanamh de dh'adhairc, feòdar, airgead no ìbhri. An-diugh tha ìbhri fìor doirbh fhsighinn ach chaidh ìbhri brèige a leasachadh bho ròiseid dhathte, nach eil a' searg no a' sgàineadh. Chan ann dìreach airson sgeadachadh a tha na cupannan sin ach tha iad a' cur stad air an fhiodh bho bhith a' sgoltadh.<br /> <br /> Tha am pìobaire a' sèideadh tron phìob-sèididh gus am balg a tha e a' cumail fo ghàirdean chlì a sèideadh suas, agus tha na dosan thar a ghualainn chlì. Tha e a' cleachdadh a' bhalg mar stòr-amar de dh'eàdhar gus bruthadh a chumail air na ribheidean anns na trì dosan, a tha a' dèanamh nota stèidhichte leantainneach a tha a' dol leis an fhonn. Tha am fonn fhèin air a chluich air an fheadan, ionnramaid coltach ri reacòrdair le tuill meòir a bhios am pìobaire a' còmhdach agus a' fosgladh.