- TIOTAL
- LMS 14767 'Clan Mackinnon', Peairt, Cèitean 1928
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_LOCOMOTIVES_009_648
- ÀITE
- Peairt
- SIORRACHD/PARRAIST
- PEAIRT
- DEIT
- 15 An Cèitean 1928
- LINN
- 1920an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 26082
- KEYWORDS
- einnsean-smùid
treanaichean
trèanaichean
rathaidean-iarainn
Rèile na Gàidhealtachd
einnseanan-treana

'S e an clas mu dheireadh de dh'einnseanan-trèana a chaidh a thogail do Rèile na Gàidhealtachd an fheadhainn do luchd-siubhail, clas 4-6-0 'Clan', air an ainmeachadh air na fineachan. Air an deilbh le Crìsdean Cumming, chaidh a' chiad cheithir dhiubh (leis na h-àireamhan HR 49, 51, 52 & 53) a lìbhrigeadh ann an 1919 agus ceithir eile dhiubh (àireamhan 54 gu 57) ann an 1921. Air an togail le Hawthorn Leslie & Co. sa Chaisteal Nuadh, mhair a h-uile h-aon de na h-einnseanan sa chlas seo gus an deach an toirt a-steach gu seilbh an LMS, ach cha robh ach aon dhiubh fhathast ag obair an dèidh stèidheachadh Rèile Bhreatainn.
San dealbh-chamara seo chithear LMS 14767 'Clan Mackinnon' (HR 55 roimhe) ann am Peairt sa Chèitean 1928. Chùm e a' dol gus an deach a tharraing à seirbheis sa Ghearran 1950, an t-aon fhear dhe chlas a mhair gu làithean Rèile Bhreatainn.