Ùrachadh mu Dheireadh 30/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aithisg air na taighean-aoidheachd, duilleag 3
EXTERNAL ID
Z_CDT_22_MEP4554_2_3
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
DEIT
1 An Dàmhair 1810
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlann Chlann Dòmhnaill agus Taigh-tasgaidh nan Eilean
AITHNEACHADH MAOINE
2611
KEYWORDS
taighean-aoigheachd
taighean-òsta
talamh
oighreachdan
stàbaill
an t-Eilean Sgitheanach
togalaichean
State of Skye Inns, page 3

Seo aithisg a chaidh a dhèanamh do Thriath Chlann Dòmhnaill a thaobh nan taighean-aoigheachd air an oighreachd aige.

'S e dròbhairean chruidh as trice a tha a' cleachdadh an taigh-aoigheachd ann an Caol Reatha, tha an togalach ann an deagh òrdugh ach nach eil stàball ann. Bhathas air aontachadh roimhe seo nach deigheadh stàball a thogail gus an tigeadh prìs an fhiodh a-nuas ach cha robh e goireasach do luchd-siubhail no don fhear a bha a' cumail an taigh-aoigheachd. Aig an àm bhathas a' cumail nam beathaichean ann an rùm nach robhas air a chrìochnachadh, a bhathas an dùil a bhiodh na chidsin. Bha seo a' fàgail an taighe salach.

Bha na coimiseanairean aig Triath Chlann Dòmhnaill air iarraidh gun deigheadh taigh a thogail ann an Steiseal, air taobh an ear Throndairis agus chan fhaodaist barrachd air £200 a chosg air. Bha gealltanas air talamh an cois an taighe nan deigheadh feum a thoirt às.

Chaidh a ràdh nuair a bhith 'còmhraidhean' a' Chaoil seachad gum feumar taigh-aoigheachd a thogail ann agus fear eile ann an Aird a' Bhàsair.

Thàinig an làmh-sgrìobhainn seo à cruinneachadh ann an Leabharlann Chlann Dòmhnaill agus Taigh-tasgaidh nan Eilean, an t-Eilean Sgitheanach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aithisg air na taighean-aoidheachd, duilleag 3

1810an

taighean-aoigheachd; taighean-òsta; talamh; oighreachdan; stàbaill; an t-Eilean Sgitheanach; togalaichean

Leabharlann Chlann Dòmhnaill agus Taigh-tasgaidh nan Eilean

Clan Donald Library papers - various