Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 55 'Clan Mackinnon' còmhla ri HR 57 'Clan Cameron' ann am Peairt
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_009_709
ÀITE
Peairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
26140
KEYWORDS
einnsean-smùid
treanaichean
trèanaichean
rathaidean-iarainn
Rèile na Gàidhealtachd
einnseanan-treana
HR 55 'Clan Mackinnon' with 57 'Clan Cameron' at Perth

'S e an clas mu dheireadh de dh'einnseanan-trèana a chaidh a thogail do Rèile na Gàidhealtachd an fheadhainn do luchd-siubhail, clas 4-6-0 'Clan', air an ainmeachadh air na fineachan. Air an deilbh le Crìsdean Cumming, chaidh a' chiad cheithir dhiubh (leis na h-àireamhan HR 49, 51, 52 & 53) a lìbhrigeadh ann an 1919 agus ceithir eile dhiubh (àireamhan 54 gu 57) ann an 1921. Air an togail le Hawthorn Leslie & Co. sa Chaisteal Nuadh, mhair a h-uile h-aon de na h-einnseanan sa chlas seo gus an deach an toirt a-steach gu seilbh an LMS, ach cha robh ach aon dhiubh fhathast ag obair an dèidh stèidheachadh Rèile Bhreatainn.

San dealbh-chamara seo chithear dà einnsean de chlas nam Fineachan, an 'Clan class', ann am Peairt. Air làmh dheas an deilbh tha HR 55 'Clan Mackinnon'. Thug an LMS an àireamh ùr 14767 dha agus chùm e a' dol gus an deach a tharraing à seirbheis sa Ghearran 1950. 'S e an t-aon fhear dhe chlas a mhair gu làithean Rèile Bhreatainn. Air an làimh chlì tha HR 57 'Clan Cameron'. Chuir an LMS an àireamh 14769 air agus chùm e a' dol gus an deach a tharraing à seirbheis san Dàmhair 1943.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 55 'Clan Mackinnon' còmhla ri HR 57 'Clan Cameron' ann am Peairt

PEAIRT

einnsean-smùid; treanaichean; trèanaichean; rathaidean-iarainn; Rèile na Gàidhealtachd; einnseanan-treana

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 5 (Cumming classes)

'S e an clas mu dheireadh de dh'einnseanan-trèana a chaidh a thogail do Rèile na Gàidhealtachd an fheadhainn do luchd-siubhail, clas 4-6-0 'Clan', air an ainmeachadh air na fineachan. Air an deilbh le Crìsdean Cumming, chaidh a' chiad cheithir dhiubh (leis na h-àireamhan HR 49, 51, 52 & 53) a lìbhrigeadh ann an 1919 agus ceithir eile dhiubh (àireamhan 54 gu 57) ann an 1921. Air an togail le Hawthorn Leslie & Co. sa Chaisteal Nuadh, mhair a h-uile h-aon de na h-einnseanan sa chlas seo gus an deach an toirt a-steach gu seilbh an LMS, ach cha robh ach aon dhiubh fhathast ag obair an dèidh stèidheachadh Rèile Bhreatainn.<br /> <br /> San dealbh-chamara seo chithear dà einnsean de chlas nam Fineachan, an 'Clan class', ann am Peairt. Air làmh dheas an deilbh tha HR 55 'Clan Mackinnon'. Thug an LMS an àireamh ùr 14767 dha agus chùm e a' dol gus an deach a tharraing à seirbheis sa Ghearran 1950. 'S e an t-aon fhear dhe chlas a mhair gu làithean Rèile Bhreatainn. Air an làimh chlì tha HR 57 'Clan Cameron'. Chuir an LMS an àireamh 14769 air agus chùm e a' dol gus an deach a tharraing à seirbheis san Dàmhair 1943.