Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Maoin Phort a' Choltair, duilleag 1
EXTERNAL ID
Z_DNHHL_2001_355_1
ÀITE
Port a' Choltair
SGÌRE
Dòrnach is Craoich
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Dòrnach
DEIT
5 An t-Samhain 1811
LINN
1810an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Historylinks, Dòrnach
AITHNEACHADH MAOINE
2632
KEYWORDS
Tubaist Phort a' Choltair
Maoin Phort a' Choltair
aiseagan
tubaistean
comataidhean
airgead
bàtaichean
bàthadh
maoin
Meikle Ferry Fund, page 1

Air an t-16mh den Lùnastal 1809, dh'fhalbh bàt-aiseig Phort a' Choltair, a' toirt daoine gu margaidh ann am Baile Dhubhthaich. Cha robh anns an aiseag ach bàta ràimh mòr le seòl agus còrr is100 duine air bòrd. Le uiread de dhaoine anns a' bhàta, bha i ro ìseal sa mhuir is thòisich uisge a' faighinn a-steach dhan bhàta nuair a thàinig suailean, is chòp an t-aiseag nuair a chaidh na bha air bòrd gu aon taobh 's iad air bhoil.
Chaidh ceithir fichead duine 's a naoi deug a bhàthadh anns an tubaist, 's chaidh dà dhuine dheug a chaomhnadh.

Chaidh ath-thagradh a dhèanamh airson airgead a thogail a chum teaghlaichean na muinntir a bhàsaich anns an tubaist a chuideachadh. Chaidh Maoin Phort a' Choltair a stèidheachadh is chaidh £509 a thoirt do bhanntraichean, clann is pàrantan nam marbh air a' 14mh den Dùbhlachd 1809. Air an 29mh den Mhàrt 1810 chaidh £1,000 eile a phàigheadh a-mach, is chaidh £1,400 a sgaoileadh air an 11mh den Dùbhlachd 1811.
Bha £2,909 anns a' mhaoin, suim mhòr dha-rìreabh aig an àm.

Tha an duilleag seo o 'Third Report to the Committee for Managing the Meikle Ferry Fund' (Dòrnach, 5mh den t-Samhainn 1811) is tha e ag ràdh gum bu chòir cumail gu dlùth ris a' phlana a chaidh a dhealbhachadh anns a' Mhàrt 1810. Tha e a' toirt taing do fhir Bhengal, Goa, Grenada is an Cape of Good Hope, a chruinnich £1,400 eile airson na maoin a bha dùil a sgaoileadh air an 11mh den Dùbhlachd den bhliadhna ud. Tha ainm-sgrìobhte R Sutharlanach, Cathraiche (Caiptean Raibeart Sutharlanach) air an duilleig

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Maoin Phort a' Choltair, duilleag 1

CATAIBH: Dòrnach

1810an

Tubaist Phort a' Choltair; Maoin Phort a' Choltair; aiseagan; tubaistean; comataidhean; airgead; bàtaichean; bàthadh; maoin

Taigh-tasgaidh Historylinks, Dòrnach

Meikle Ferry papers, 1811