- TIOTAL
- Maoin Phort a' Choltair, duilleag 3
- EXTERNAL ID
- Z_DNHHL_2001_355_3
- ÀITE
- Port a' Choltair
- SGÌRE
- Dòrnach is Craoich
- SIORRACHD/PARRAIST
- CATAIBH: Dòrnach
- DEIT
- 5 An t-Samhain 1811
- LINN
- 1810an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Taigh-tasgaidh Historylinks, Dòrnach
- AITHNEACHADH MAOINE
- 2637
- KEYWORDS
- Tubaist Phort a' Choltair
Maoin Phort a' Choltair
aiseagan
tubaistean
comataidhean
airgead
bàtaichean
bàthadh
maoin
cunntasan

'Third Report to the Committee for Managing the Meikle Ferry Fund'
Tha an duilleag seo a' sealltainn cunntas Mhaoin Phort a' Choltair. Tha liosta de dh'ainmean is seòlaidhean dhaoine a chaidh a bhàthadh, 'Remarks on the circumstances and state of their families, and the description of persons relieved', is an 'Amount to be paid, 11th December 1811' air.
Fhuair pàrantan Raibeart Gòrdain £15 airson bàs am mic, is fhuair banntrach is clann Alasdair MhicMhathain £30. Chaidh Uilleam Mac an Fhleisdeir is a phiuthar a bhàthadh anns an tubaist, ach chaidh am màthair is piuthar eile a shàbhaladh. Fhuair iadsan £20 on Mhaoin
Air an t-16mh den Lùnastal 1809, dh'fhalbh bàt-aiseig Phort a' Choltair, a' toirt daoine gu margaidh ann am Baile Dhubhthaich. Cha robh anns an aiseag ach bàta ràimh mòr le seòl agus còrr is100 duine air bòrd. Le uiread de dhaoine anns a' bhàta, bha i ro ìseal sa mhuir is thòisich uisge a' faighinn a-steach dhan bhàta nuair a thàinig suailean, is chòp an t-aiseag nuair a chaidh na bha air bòrd gu aon taobh 's iad air bhoil.
Chaidh ceithir fichead duine 's a naoi deug a bhàthadh anns an tubaist, 's chaidh dà dhuine dheug a chaomhnadh.
Chaidh ath-thagradh a dhèanamh airson airgead a thogail a chum teaghlaichean na muinntir a bhàsaich anns an tubaist a chuideachadh. Chaidh Maoin Phort a' Choltair a stèidheachadh is chaidh £509 a thoirt do bhanntraichean, clann is pàrantan nam marbh air a' 14mh den Dùbhlachd 1809. Air an 29mh den Mhàrt 1810 chaidh £1,000 eile a phàigheadh a-mach, is chaidh £1,400 a sgaoileadh air an 11mh den Dùbhlachd 1811.
Bha £2,909 anns a' mhaoin, suim mhòr dha-rìreabh aig an àm.