- TIOTAL
- Tilleadh an Eilthirich
- EXTERNAL ID
- PC_FJM_GOOD_SUIT_OF_CLOTHES_12
- DEIT
- 2009
- LINN
- 2000an
- CRUTHADAIR
- unknown
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Fiona J NicCoinnich
- AITHNEACHADH MAOINE
- 2639
- KEYWORDS
- claistinneach
eilthireachd
eilthirich
Tha an earrann chlaistinneach seo bhon CD 'Deagh Dheis Aodaich' aig Fiona J NicCoinnich (2009), cruinneachadh de dhusan òran mu na thachair do dh'eilthirich Ghàidhealach thar nan 300 bliadhna mu dheireadh.
Tha Fiona J NicCoinnich, tè à Siorrachd Mhoireibh agus na ceumnaiche o Oilthigh Obar Dheathain, air a bhith a' fuireach ann an Inbhir Pheofharain fad 20 bliadhna a-nis. An dèidh dhi obair a dheanamh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fad chòig bliadhna, chaidh a fasdadh aig Caidreabh Màiri Mhòir Òrain Ghàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd eadar 2002 agus 2009.
Choisinn i sàr-dhuais a' Chomuinn Ghàidhealaich, am Bonn Òr, ann an 2005 ann an Steòrnabhagh. Choisinn i cuideachd tiotal Traditional Music Personality aig BBC Alba ann an 2004 aig Duaisean Ceòl Traidiseanta Alba agus chaidh a h-ainmeachadh airson an t-Seinneadair Ghàidhlig a b' fheàrr ann an 2006.
Tha a siubhal le a h-obair sa Chaidreabh air a toirt fad' is farsaing, a' toirt seachad òraidean air obair Màiri Mhòr nan Òran, bana-bhàrd ainmeil an Eilein Sgitheanaich. Shiubhail Fiona ann an Ceap Breatainn, an Ameireaga, an Èirinn, san Fhraing agus sa Ghearmailt. Tha i a' teagasg òrain Ghàidhlig sna sgoiltean agus ann am buidhnean coimhearsnachd, ag amas air cothroman a dhèanamh far am bi daoine òga a' gabhail pàirt ann an gnìomhachd seinn. Tha mòran ag iarraidh air Fiona a dhol a theagasg a h-òrain thall thairis, agus ann an 2006 chaidh iarraidh oirre seinn san Library of Congress, Washington DC.
Dh'fhoillsich Fiona a' ciad CD aon-neach 'Òrain nan Rosach' san Iuchar 2006. Chaidh a' chiad CD le Greentrax 'Duan Nollaig', a sgaoileadh san Dàmhair 2007, CD annasach, ùr, mar a bha e na chiad chlàradh riamh de Dhuain Nollaig Gàidhlig Alba. Tha a CD Greentrax as ùire 'A Good Suit of Clothes' (Iuchar 2009) na chruinneachadh de dh'òrain eilthireachd. Tha Fiona air dà leabhar fhoillseachadh tron Chaidreabh cuideachd - 'Òrain nan Rosach' (cruinneachadh òrain o Shiorrachd Rois) agus an 'Crunluath Collection' (òrain ùra Ghàidhlig air an stèidheachadh air puirt na pìoba mòire).