Ùrachadh mu Dheireadh 21/05/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Obar Pheallaidh, trèan le cabadan de dh' iomadh seòrsa deas gu falbh
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_013
ÀITE
Obar Pheallaidh
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Dul
DEIT
12 Iuchar 1957
LINN
1950an
CRUTHADAIR
R M Casserley
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
26749
KEYWORDS
Rèile na Gàidhealtachd
Rèile Bhreatainn
Aberfeldy Station mixed train about to depart

Tha an t-einnsean air a dhol timcheall air an trèan mus slaod e air ais i dhan ear. 'S e trèan mheasgaichte a tha seo a tha a' tarraing luchd-siubhail agus parsailean, còmhla ri bathar a th' ann an carbadan fosgailte. Bha trèanaichean mheasgaichte cumanta air seann Rèile na Gaidhealtachd air falbh on phrìomh rèile. 'S e einnsean 0-4-4T àireamh 55212 a b' àbhaist a bhith aig Rèile Chaledonia a th' ann mar a bhithte a' cleachdadh air a' mheur fad deich bliadhna fichead gus an tàinig einnseanan dìosail tràth anns na 60an. Tha an dealbh a' sealltainn earrannan eile anns an stèisean le carbad nach gabh aithneachadh agus bhan-bhreigichean.

B' e Obar Pheallaidh ceann-crìche meur Obar Pheallaidh anns an robh 14 cilemeatair, a dh'fhàg a' phrìomh rèile aig Baile an Luig. Dh'fhosgail am meur air an 3mh dhen Iuchar 1865, a' dùnadh do luchd-siubhail cha mhòr ceud bliadhna an dèidh sin, air an 3mh dhen Chèitean 1965. Stad trèanaichean bathair air an t-26mh dhen Fhaoilleach anns a' bhliadhna sin

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Obar Pheallaidh, trèan le cabadan de dh' iomadh seòrsa deas gu falbh

PEAIRT: Dul

1950an

Rèile na Gàidhealtachd; Rèile Bhreatainn

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Tha an t-einnsean air a dhol timcheall air an trèan mus slaod e air ais i dhan ear. 'S e trèan mheasgaichte a tha seo a tha a' tarraing luchd-siubhail agus parsailean, còmhla ri bathar a th' ann an carbadan fosgailte. Bha trèanaichean mheasgaichte cumanta air seann Rèile na Gaidhealtachd air falbh on phrìomh rèile. 'S e einnsean 0-4-4T àireamh 55212 a b' àbhaist a bhith aig Rèile Chaledonia a th' ann mar a bhithte a' cleachdadh air a' mheur fad deich bliadhna fichead gus an tàinig einnseanan dìosail tràth anns na 60an. Tha an dealbh a' sealltainn earrannan eile anns an stèisean le carbad nach gabh aithneachadh agus bhan-bhreigichean.<br /> <br /> B' e Obar Pheallaidh ceann-crìche meur Obar Pheallaidh anns an robh 14 cilemeatair, a dh'fhàg a' phrìomh rèile aig Baile an Luig. Dh'fhosgail am meur air an 3mh dhen Iuchar 1865, a' dùnadh do luchd-siubhail cha mhòr ceud bliadhna an dèidh sin, air an 3mh dhen Chèitean 1965. Stad trèanaichean bathair air an t-26mh dhen Fhaoilleach anns a' bhliadhna sin