Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stèisean Achadh na Sìne - a' dèanamh iomlaid air carbad-bìdh 1
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_035
ÀITE
Ach na Sìne
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cunndainn
DEIT
11 Sultain 1958
LINN
1950an
CRUTHADAIR
H Davies
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
26771
KEYWORDS
Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich
Rèile na Gàidhealtachd
Rèile Lunnainn Meadhan-tìre agus Alba
Rèile Bhreatainn
Black 5
Hiker
Achnasheen Station exchange of restaurant car 1

Aig Achadh na Sìne, bhithte a' gluasad a' charbad-bìdh on trèana dhan Chaol aig àm dìnnearach chun na trèan gu Inbhir Nis. Tha na dealbhan seo a' sealltainn na bha tachairt. Tha an t-einnsean air dealachadh on trèan. 'S e einnsean Stanier Black 5 a b' àbhaist a bhith aig Rèile Lunnainn, Meadhan-tìre agus Alba (seòrsa ris an canadh na Gàidheil 'hikers') a th' anns an einnsean. Nochd an seòrsa seo air Rèile a' Chaoil ann an 1946 an dèidh dhan chlàr-tionndaidh ann an Caol Loch Aillse a bhith air a leudachadh gus an gabhail, agus bha iad air an cleachdadh gus an do thòisich einnseanan dìosail tràth anns na 60an.

Tha Stèisean Achadh na Sìne air Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich, ris an canar mar as trice an-diugh Rèile a' Chaoil. Tha e beagan is 43 cilemeatair an iar air Inbhir Pheofharain. Dh'fhosgail e do bhathar air an 9mh dhen Lùnastal 1870, agus do luchd-siubhail air an 19mh là. Tha e fhathast fosgailte ann an 2008, ach sguir trèanaichean bathair anns an Lùnastal 1983. 'S e Achadh na Sìne fear de na lùban far am faod trèanaichean dhan ear 's dhan iar a dhol seachad air a chèile. Bha taigh-òsta aig an stèisean ach chaidh a losgadh gu làr anns a' Ghearran 1994

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stèisean Achadh na Sìne - a' dèanamh iomlaid air carbad-bìdh 1

ROS: Cunndainn

1950an

Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich; Rèile na Gàidhealtachd; Rèile Lunnainn Meadhan-tìre agus Alba; Rèile Bhreatainn; Black 5; Hiker

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Aig Achadh na Sìne, bhithte a' gluasad a' charbad-bìdh on trèana dhan Chaol aig àm dìnnearach chun na trèan gu Inbhir Nis. Tha na dealbhan seo a' sealltainn na bha tachairt. Tha an t-einnsean air dealachadh on trèan. 'S e einnsean Stanier Black 5 a b' àbhaist a bhith aig Rèile Lunnainn, Meadhan-tìre agus Alba (seòrsa ris an canadh na Gàidheil 'hikers') a th' anns an einnsean. Nochd an seòrsa seo air Rèile a' Chaoil ann an 1946 an dèidh dhan chlàr-tionndaidh ann an Caol Loch Aillse a bhith air a leudachadh gus an gabhail, agus bha iad air an cleachdadh gus an do thòisich einnseanan dìosail tràth anns na 60an.<br /> <br /> Tha Stèisean Achadh na Sìne air Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich, ris an canar mar as trice an-diugh Rèile a' Chaoil. Tha e beagan is 43 cilemeatair an iar air Inbhir Pheofharain. Dh'fhosgail e do bhathar air an 9mh dhen Lùnastal 1870, agus do luchd-siubhail air an 19mh là. Tha e fhathast fosgailte ann an 2008, ach sguir trèanaichean bathair anns an Lùnastal 1983. 'S e Achadh na Sìne fear de na lùban far am faod trèanaichean dhan ear 's dhan iar a dhol seachad air a chèile. Bha taigh-òsta aig an stèisean ach chaidh a losgadh gu làr anns a' Ghearran 1994