- TIOTAL
- Stèisean Achadh na Sìne - a' dèanamh iomlaid air carbad-bìdh 2
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_STATIONS_001_036
- ÀITE
- Ach na Sìne
- SGÌRE
- Am Blàr Dubh
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Cunndainn
- DEIT
- 11 An t-Sultain 1958
- LINN
- 1950an
- CRUTHADAIR
- H Davies
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 26772
- KEYWORDS
- Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich
Rèile na Gàidhealtachd
Rèile Lunnainn Meadhan-tìre agus Alba
Rèile Bhreatainn
Black 5
Hiker

Aig Achadh na Sìne, bhithte a' gluasad a' charbad-bìdh on trèana dhan Chaol aig àm dìnnearach chun na trèan gu Inbhir Nis. Tha na dealbhan seo a' sealltainn na bha tachairt. Tha an t-einnsean aig an trèana gu Inbhir Nis air dealachadh on trèan. 'S e einnsean Stanier Black 5 a b' àbhaist a bhith aig Rèile Lunnainn, Meadhan-tìre agus Alba (seòrsa ris an canadh na Gàidheil 'hikers') a th' anns an einnsean. Nochd an seòrsa seo air Rèile a' Chaoil ann an 1946 an dèidh dhan chlàr-tionndaidh ann an Caol Loch Aillse a bhith air a leudachadh gus an gabhail, agus bha iad air an cleachdadh gus an do thòisich einnseanan dìosail tràth anns na 60an.
Tha Stèisean Achadh na Sìne air Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich, ris an canar mar as trice an-diugh Rèile a' Chaoil. Tha e beagan is 43 cilemeatair an iar air Inbhir Pheofharain. Dh'fhosgail e do bhathar air an 9mh dhen Lùnastal 1870, agus do luchd-siubhail air an 19mh là. Tha e fhathast fosgailte ann an 2008, ach sguir trèanaichean bathair anns an Lùnastal 1983. 'S e Achadh na Sìne fear de na lùban far am faod trèanaichean dhan ear 's dhan iar a dhol seachad air a chèile. Bha taigh-òsta aig an stèisean ach chaidh a losgadh gu làr anns a' Ghearran 1994