- TIOTAL
- Stèisean Achadh na Sìne - sealladh dhan iar - an trèan gu Inbhir Nis a-steach
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_STATIONS_001_042
- ÀITE
- Ach na Sìne
- SGÌRE
- Am Blàr Dubh
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Cunndainn
- DEIT
- 22 An t-Sultain 1966
- LINN
- 1960an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 26778
- KEYWORDS
- Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich
Rèile na Gàidhealtachd
Rèile Lunnainn Meadhan-tìre agus Alba
Rèile Bhreatainn

An trèan gu Inbhir Nis aig an àrd-chabhsair. Chithear gu bheil an tanca uisge air falbh on tùr air an àrd-chabhsair eile (dhan Chaol), o nach robh feum air an dèidh linn nan trèanaichean-smùide air an rèile.
Tha Stèisean Achadh na Sìne air Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich, ris an canar mar as trice an-diugh Rèile a' Chaoil. Tha e beagan is 43 cilemeatair an iar air Inbhir Pheofharain. Dh'fhosgail e do bhathar air an 9mh dhen Lùnastal 1870, agus do luchd-siubhail air an 19mh là. Tha e fhathast fosgailte ann an 2008, ach sguir trèanaichean bathair anns an Lùnastal 1983. 'S e Achadh na Sìne fear de na lùban far am faod trèanaichean dhan ear 's dhan iar a dhol seachad air a chèile. Bha taigh-òsta air an àrd-chabhsair an ear ach chaidh a losgadh gu làr anns a' Ghearran 1994