Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stèisean Achadh na Sìne - trèan-bathair a' tighinn on iar
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_043
ÀITE
Ach na Sìne
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cunndainn
LINN
c1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
26779
KEYWORDS
Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich
Rèile na Gàidhealtachd
Rèile Lunnainn Meadhan-tìre agus Alba
Rèile Bhreatainn
einnsean-bathair sàr-theasaichte
einnsean-bathair Clan
Achnasheen Station up goods approaching from west

Trèan-bathair a' ruigsinn Achadh na Sìne o Chaol Loch Aillse. 'S e einnsean-bathair sàr-theasaichte 4-6-0 (ris an cante aig amannan einnsean-bathair Clan) a tha seo, a b' àbhaist a bhith aig Rèile na Gaidhealtachd. Dealbhaichte fo sgèith Chrìsdein Chuimeanaich agus air a thoirt am follais ann an 1918, bha iad seo ag obair gu dìcheallach air Rèile a' Chaoil o 1928 gus an deach iad à bith ann an 1952.

Tha Stèisean Achadh na Sìne air Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich, ris an canar mar as trice an-diugh Rèile a' Chaoil. Tha e beagan is 43 cilemeatair an iar air Inbhir Pheofharain. Dh'fhosgail e do bhathar air an 9mh dhen Lùnastal 1870, agus do luchd-siubhail air an 19mh là. Tha e fhathast fosgailte ann an 2008, ach sguir trèanaichean bathair anns an Lùnastal 1983. 'S e Achadh na Sìne fear de na lùban far am faod trèanaichean dhan ear 's dhan iar a dhol seachad air a chèile. Bha taigh-òsta air an àrd-chabhsair an ear ach chaidh a losgadh gu làr anns a' Ghearran 1994

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stèisean Achadh na Sìne - trèan-bathair a' tighinn on iar

ROS: Cunndainn

c1920an

Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich; Rèile na Gàidhealtachd; Rèile Lunnainn Meadhan-tìre agus Alba; Rèile Bhreatainn; einnsean-bathair sàr-theasaichte; einnsean-bathair Clan

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Trèan-bathair a' ruigsinn Achadh na Sìne o Chaol Loch Aillse. 'S e einnsean-bathair sàr-theasaichte 4-6-0 (ris an cante aig amannan einnsean-bathair Clan) a tha seo, a b' àbhaist a bhith aig Rèile na Gaidhealtachd. Dealbhaichte fo sgèith Chrìsdein Chuimeanaich agus air a thoirt am follais ann an 1918, bha iad seo ag obair gu dìcheallach air Rèile a' Chaoil o 1928 gus an deach iad à bith ann an 1952.<br /> <br /> Tha Stèisean Achadh na Sìne air Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich, ris an canar mar as trice an-diugh Rèile a' Chaoil. Tha e beagan is 43 cilemeatair an iar air Inbhir Pheofharain. Dh'fhosgail e do bhathar air an 9mh dhen Lùnastal 1870, agus do luchd-siubhail air an 19mh là. Tha e fhathast fosgailte ann an 2008, ach sguir trèanaichean bathair anns an Lùnastal 1983. 'S e Achadh na Sìne fear de na lùban far am faod trèanaichean dhan ear 's dhan iar a dhol seachad air a chèile. Bha taigh-òsta air an àrd-chabhsair an ear ach chaidh a losgadh gu làr anns a' Ghearran 1994