Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stèisean Achadh na Sìne - sealladh farsaing dhan ear le dà thrèan a-staigh
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_046
ÀITE
Ach na Sìne
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cunndainn
DEIT
16 Iuchar 1946
LINN
1940an
CRUTHADAIR
Harold D. Bowtell
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
26782
KEYWORDS
Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich
Rèile na Gàidhealtachd
Rèile Lunnainn Meadhan-tìre agus Alba
Stanier 2-6-4T
Fairburn 2-6-4T
Achnasheen Station looking east, both trains in

Ann an 1946, leudaich Rèile Lunnainn Meadhan-tìre agus Alba (LMS) an clàr-tionndaidh aig Caol Loch Aillse airson gun gabhadh e einnseanan den t-seòrsa Stanier Black 5 (air an robh 'Hiker' anns an sgìre). Fhad 's a bhathar ag obair air a seo, cha robh goireasan ann gus tionndadh. Fhuair Inbhir Nis seachd einnseanan den t-seòrsa LMS Stanier 2-6-4T (a thugadh ann an 1935) agus den t-seòrsa Fairbairn, a thàinig nan dèidh o 1945 air iasad on t-seada am Poll Mac Dè, gus nach fheumadh einnseanan le carbadan-guail a bhith a' falbh an còmhair an cùil. Seo einnsean Stanier 2695a' dol fa chùl air ceann trèan gu Inbhir Nis, fhad 's a bhios einnsean Fairburn 2216 aig ceann na trèan dhan taobh eile. Thoiribh an aire gu bheil carbad-cruidh agus carbad-bathair air an trèana air 5.35 f. gu Inbhir Nis.

Tha Stèisean Achadh na Sìne air Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich, ris an canar mar as trice an-diugh Rèile a' Chaoil. Tha e beagan is 43 cilemeatair an iar air Inbhir Pheofharain. Dh'fhosgail e do bhathar air an 9mh dhen Lùnastal 1870, agus do luchd-siubhail air an 19mh là. Tha e fhathast fosgailte ann an 2008, ach sguir trèanaichean bathair anns an Lùnastal 1983. 'S e Achadh na Sìne fear de na lùban far am faod trèanaichean dhan ear 's dhan iar a dhol seachad air a chèile. Bha taigh-òsta air an àrd-chabhsair an ear ach chaidh a losgadh gu làr anns a' Ghearran 1994

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stèisean Achadh na Sìne - sealladh farsaing dhan ear le dà thrèan a-staigh

ROS: Cunndainn

1940an

Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich; Rèile na Gàidhealtachd; Rèile Lunnainn Meadhan-tìre agus Alba; Stanier 2-6-4T; Fairburn 2-6-4T

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Ann an 1946, leudaich Rèile Lunnainn Meadhan-tìre agus Alba (LMS) an clàr-tionndaidh aig Caol Loch Aillse airson gun gabhadh e einnseanan den t-seòrsa Stanier Black 5 (air an robh 'Hiker' anns an sgìre). Fhad 's a bhathar ag obair air a seo, cha robh goireasan ann gus tionndadh. Fhuair Inbhir Nis seachd einnseanan den t-seòrsa LMS Stanier 2-6-4T (a thugadh ann an 1935) agus den t-seòrsa Fairbairn, a thàinig nan dèidh o 1945 air iasad on t-seada am Poll Mac Dè, gus nach fheumadh einnseanan le carbadan-guail a bhith a' falbh an còmhair an cùil. Seo einnsean Stanier 2695a' dol fa chùl air ceann trèan gu Inbhir Nis, fhad 's a bhios einnsean Fairburn 2216 aig ceann na trèan dhan taobh eile. Thoiribh an aire gu bheil carbad-cruidh agus carbad-bathair air an trèana air 5.35 f. gu Inbhir Nis.<br /> <br /> Tha Stèisean Achadh na Sìne air Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich, ris an canar mar as trice an-diugh Rèile a' Chaoil. Tha e beagan is 43 cilemeatair an iar air Inbhir Pheofharain. Dh'fhosgail e do bhathar air an 9mh dhen Lùnastal 1870, agus do luchd-siubhail air an 19mh là. Tha e fhathast fosgailte ann an 2008, ach sguir trèanaichean bathair anns an Lùnastal 1983. 'S e Achadh na Sìne fear de na lùban far am faod trèanaichean dhan ear 's dhan iar a dhol seachad air a chèile. Bha taigh-òsta air an àrd-chabhsair an ear ach chaidh a losgadh gu làr anns a' Ghearran 1994