- TIOTAL
- Trèanaichean a' dol tarsainn aig an àrd-chabhsair gu deas an Achadh na Sìne
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_STATIONS_001_048
- ÀITE
- Ach na Sìne
- SGÌRE
- Am Blàr Dubh
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Cunndainn
- DEIT
- 24 An t-Sultain 1984
- LINN
- 1980an
- CRUTHADAIR
- Harold D. Bowtell
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 26784
- KEYWORDS
- Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich
Rèile na Gàidhealtachd
Rèile Lunnainn Meadhan-tìre agus Alba
Rèile Bhreatainn
Clas 37

Trèanaichean a' dol tarsainn an Achadh na Sìne. Tha an trèan 10.55 a.m dhan Chaol a chithear air beulaibh na deilbh, air a slaodadh le einnsean dìosail 37 037 de Sheòrsa 3 le English Electric, le dath gorm agus suaicheantas mòr Rèile na Gaidhealtachd le cabair fèidh, air an t-sròin bhuidhe.
Tha Stèisean Achadh na Sìne air Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich, ris an canar mar as trice an-diugh Rèile a' Chaoil. Tha e beagan is 43 cilemeatair an iar air Inbhir Pheofharain. Dh'fhosgail e do bhathar air an 9mh dhen Lùnastal 1870, agus do luchd-siubhail air an 19mh là. Tha e fhathast fosgailte ann an 2008, ach sguir trèanaichean bathair anns an Lùnastal 1983. 'S e Achadh na Sìne fear de na lùban far am faod trèanaichean dhan ear 's dhan iar a dhol seachad air a chèile. Bha taigh-òsta aig an stèisean ach chaidh a losgadh gu làr anns a' Ghearran 1994