Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Trèan a' phuist an Achadh na Sìne a' dèanamh iomlaid air na clàragan
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_053
ÀITE
Ach na Sìne
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cunndainn
LINN
1960an
CRUTHADAIR
D Lawrence
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
26789
KEYWORDS
Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich
Rèile na Gàidhealtachd
Rèile Lunnainn Meadhan-tìre agus Alba
Rèile Bhreatainn
Clas 26
'Birmingham Railway Carriage and Wagon Company'
Sulzer
Achnasheen Station mail train hand tablet exchange

Tha trèan a' phuist a tha a' tighinn chun an àrd-chabhsair gu Inbhir Nis a' dèanamh iomlaid air a' chlàraig don rèile air an tàinig i airson clàrag dhan ath earrann air am feum i a dhol. Bha dòigh fèin-ghluasadach ann air seo a dhèanamh, a chithear fo achlais dràibhear na trèan, ach mar bu trice bhiodh trèanaichean a bhiodh a' siubhal gu mall no a' stad gan sìneadh seachad. Chithear post air an àrd-chabhsair gus a thogail leis an trèan.

'S e einnsean dìosail de Sheòrsa 2 (ris an cante an dèidh sin Seòrsa 26) le Birmingham Railway Carriage and Wagon Company a th' ann an D5336. B' iad seo agus Seòrsa 24 a thogadh le Rèile Bhreatainn an fheadhainn bu chumanta anns a' Ghàidhealtachd o mheadhan 1960 agus tro na 1960an agus 1970an.

Tha Stèisean Achadh na Sìne air Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich, ris an canar mar as trice an-diugh Rèile a' Chaoil. Tha e beagan is 43 cilemeatair an iar air Inbhir Pheofharain. Dh'fhosgail e do bhathar air an 9mh dhen Lùnastal 1870, agus do luchd-siubhail air an 19mh là. Tha e fhathast fosgailte ann an 2008, ach sguir trèanaichean bathair anns an Lùnastal 1983. 'S e Achadh na Sìne fear de na lùban far am faod trèanaichean dhan ear 's dhan iar a dhol seachad air a chèile. Bha taigh-òsta aig an stèisean ach chaidh a losgadh gu làr anns a' Ghearran 1994

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Trèan a' phuist an Achadh na Sìne a' dèanamh iomlaid air na clàragan

ROS: Cunndainn

1960an

Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich; Rèile na Gàidhealtachd; Rèile Lunnainn Meadhan-tìre agus Alba; Rèile Bhreatainn; Clas 26; 'Birmingham Railway Carriage and Wagon Company'; Sulzer

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Tha trèan a' phuist a tha a' tighinn chun an àrd-chabhsair gu Inbhir Nis a' dèanamh iomlaid air a' chlàraig don rèile air an tàinig i airson clàrag dhan ath earrann air am feum i a dhol. Bha dòigh fèin-ghluasadach ann air seo a dhèanamh, a chithear fo achlais dràibhear na trèan, ach mar bu trice bhiodh trèanaichean a bhiodh a' siubhal gu mall no a' stad gan sìneadh seachad. Chithear post air an àrd-chabhsair gus a thogail leis an trèan.<br /> <br /> 'S e einnsean dìosail de Sheòrsa 2 (ris an cante an dèidh sin Seòrsa 26) le Birmingham Railway Carriage and Wagon Company a th' ann an D5336. B' iad seo agus Seòrsa 24 a thogadh le Rèile Bhreatainn an fheadhainn bu chumanta anns a' Ghàidhealtachd o mheadhan 1960 agus tro na 1960an agus 1970an.<br /> <br /> Tha Stèisean Achadh na Sìne air Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich, ris an canar mar as trice an-diugh Rèile a' Chaoil. Tha e beagan is 43 cilemeatair an iar air Inbhir Pheofharain. Dh'fhosgail e do bhathar air an 9mh dhen Lùnastal 1870, agus do luchd-siubhail air an 19mh là. Tha e fhathast fosgailte ann an 2008, ach sguir trèanaichean bathair anns an Lùnastal 1983. 'S e Achadh na Sìne fear de na lùban far am faod trèanaichean dhan ear 's dhan iar a dhol seachad air a chèile. Bha taigh-òsta aig an stèisean ach chaidh a losgadh gu làr anns a' Ghearran 1994