Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stèisean Achadh na Sìne, 1984
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_055
ÀITE
Ach na Sìne
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cunndainn
LINN
c1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
26791
KEYWORDS
Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich
Rèile na Gàidhealtachd
Rèile Lunnainn Meadhan-tìre agus Alba
Rèile Bhreatainn
Black 5
Hiker
HRS
Achnasheen Station, 1984

Trèan o linn glèidhteachais nan trèanaichean, a th' air tighinn o Chaol Loch Aillse, a' fàgail Achadh nan Sìne. Tha coltas gu bheil taigh-òsta an stèisein slàn fhathast, agus mar sin dh'fheumadh an dealbh seo a bhith o linn na bu tràithe na 1994.

'S e an t-einnsean an seòrsa Stanier Black 5 (air an tugadh 'Hikers' leis na Gàidheil) a b' àbhaist a bhith aig Rèile Lunnainn Meadhan-tìre agus Alba. Thàinig an seòrsa seo gu Rèile a' Chaoil an 1946, an dèidh dhan chlàr-tionndainn an Caol Loch Aillse a bhith air a leudachadh gus an gabhail. B' iad seo a bu mhotha a bh' air an cleachdadh gus an do thòisich einnseanan dìosail tràth anns na 1960an

Tha Stèisean Achadh na Sìne air Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich, ris an canar mar as trice an-diugh Rèile a' Chaoil. Tha e beagan is 43 cilemeatair an iar air Inbhir Pheofharain. Dh'fhosgail e do bhathar air an 9mh dhen Lùnastal 1870, agus do luchd-siubhail air an 19mh là. Tha e fhathast fosgailte ann an 2008, ach sguir trèanaichean bathair anns an Lùnastal 1983. 'S e Achadh na Sìne fear de na lùban far am faod trèanaichean dhan ear 's dhan iar a dhol seachad air a chèile. Bha taigh-òsta aig an stèisean ach chaidh a losgadh gu làr anns a' Ghearran 1994.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stèisean Achadh na Sìne, 1984

ROS: Cunndainn

c1980an

Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich; Rèile na Gàidhealtachd; Rèile Lunnainn Meadhan-tìre agus Alba; Rèile Bhreatainn; Black 5; Hiker; HRS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Trèan o linn glèidhteachais nan trèanaichean, a th' air tighinn o Chaol Loch Aillse, a' fàgail Achadh nan Sìne. Tha coltas gu bheil taigh-òsta an stèisein slàn fhathast, agus mar sin dh'fheumadh an dealbh seo a bhith o linn na bu tràithe na 1994.<br /> <br /> 'S e an t-einnsean an seòrsa Stanier Black 5 (air an tugadh 'Hikers' leis na Gàidheil) a b' àbhaist a bhith aig Rèile Lunnainn Meadhan-tìre agus Alba. Thàinig an seòrsa seo gu Rèile a' Chaoil an 1946, an dèidh dhan chlàr-tionndainn an Caol Loch Aillse a bhith air a leudachadh gus an gabhail. B' iad seo a bu mhotha a bh' air an cleachdadh gus an do thòisich einnseanan dìosail tràth anns na 1960an<br /> <br /> Tha Stèisean Achadh na Sìne air Rèile Inbhir Pheofharain agus an Eilein Sgitheanaich, ris an canar mar as trice an-diugh Rèile a' Chaoil. Tha e beagan is 43 cilemeatair an iar air Inbhir Pheofharain. Dh'fhosgail e do bhathar air an 9mh dhen Lùnastal 1870, agus do luchd-siubhail air an 19mh là. Tha e fhathast fosgailte ann an 2008, ach sguir trèanaichean bathair anns an Lùnastal 1983. 'S e Achadh na Sìne fear de na lùban far am faod trèanaichean dhan ear 's dhan iar a dhol seachad air a chèile. Bha taigh-òsta aig an stèisean ach chaidh a losgadh gu làr anns a' Ghearran 1994.