Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 8 'Ben Dearg' agus 142 'Dunrobin Castle' san Aghaidh Mhòr, 1912
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_105
ÀITE
An Aghaidh Mhòr
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
DEIT
1912
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
26840
KEYWORDS
stèiseanan rèile
HRS
HR 8 'Ben Clebrig' and 142 'Dunrobin Castle' at Aviemore, 1912

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn dà locomotaibh le Rèile na Gàidhealtachd air trèana a' dol gu tuath san Aghaidh Mhòr ann an 1912.

Bha HR8 'Ben Dearg' den chlas locomotaibhean air an robh na'Small Bens' agus chaidh a togail ann an 1899. Chaidh a h-àireamhachadh 14404 leis an LMS agus lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis san Dàmhair 1950. B' e 54404 an t-àireamh a bh' oirre aig BR. Chaidh 142 'Dunrobin Castle' a thogail ann an 1900. Chaidh a h-àireamhachadh 14677 leis an LMS agus lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis sa Ghearran 1939.

Tha stèisean An Aghaidh Mhòr air a' phrìomh loidhne eadar Peairt agus Inbhir Nis. Chaidh a' chiad stèisean san Aghaidh Mhòr fhosgladh le Rèile Snaim Inbhir Nis agus Pheairt air 3 An Lùnastal 1863. Chaidh stèisean ùr a thogail le Rèile na Gàidhealtachd gus ceangal a-steach ri fosgladh an t-slighe ùr nas dìriche a dh'Inbhir Nis. Dh'fhàg seo gun robh An Aghaidh Mhòr na snaim cudromach agus b' ann bhon àm seo a thòisich baile an Aghaidh Mhòr ri fàs. Chaidh an stèisean a dhèanamh suas as ùr ann an 1998.

'S e cuideachd an ceann-uidhe a deas aig Rèile Srath Spè (rèile glèidhte) a th' innte.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 8 'Ben Dearg' agus 142 'Dunrobin Castle' san Aghaidh Mhòr, 1912

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

1910an

stèiseanan rèile; HRS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations