- TIOTAL
- LMS 14338 5462 san Aghaidh Mhòr, An t-Iuchar 1946
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_STATIONS_001_123
- ÀITE
- An Aghaidh Mhòr
- SGÌRE
- Bàideanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
- DEIT
- t-Iuchar 1945
- LINN
- 1940an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 26858
- KEYWORDS
- stèiseanan rèile

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn trèana le LMS 14338 agus 5462 air a ceann a' dol tron Aghaidh Mhòr san Iuchar 1946.
B' e locomotaibh 4-4-0 a bha le Rèile Chaledonia roimhe a bh' ann an 14338 (b'e 888 an t-àireamh CR a bh' oirre). B'e Stanier 'Black 5' 4-6-0 a bh' ann an 5462. Chaidh a togail ann an 1938 agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis ann an 1964.
Tha stèisean An Aghaidh Mhòir air a' phrìomh loidhne eadar Peairt agus Inbhir Nis. Chaidh a' chiad stèisean san Aghaidh Mhòr fhosgladh le Rèile Snaim Inbhir Nis agus Pheairt air 3 An Lùnastal 1863. Chaidh stèisean ùr a thogail le Rèile na Gàidhealtachd gus ceangal a-steach ri fosgladh an t-slighe ùr nas dìriche a dh'Inbhir Nis. Dh'fhàg seo gun robh An Aghaidh Mhòr na snaim cudromach agus b' ann bhon àm seo a thòisich baile an Aghaidh Mhòr ri fàs. Chaidh an stèisean a dhèanamh suas as ùr ann an 1998.
'S e cuideachd an ceann-uidhe a deas aig Rèile Srath Spè (rèile glèidhte) a th' innte.