Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
HR 10 and an unidentified Castle class loco on train at Blair Atholl

San deilbh seo, chithear HR 10, 'Ben Slioch' agus loco clas Castle nach-aithnichear aig ceann trèana ann am Blàr Athall. Chithear cùl nan comharraidhean tòisichidh cuideachd.

Bha 'Ben Slioch' air aon den dàrna bhuidheann den chlas air an robh na Small Bens. Chaidh a thogail aig ionad-obrach Rathad-iarainn na Gàidhealtachd fhèin, Loch Gorm ann an Inbhir Nis eadar an Iuchar 1899 agus an Gearran 1901.

Chaidh a' chiad bhuidheann de na locothan luaiths 'Castle' aig Rathad-iarainn na Gàidhealtachd a thoirt a-steach ann an 1900 le Peter Drummond. Chaidh a' chiad sia (àireamhan 140 gu 145) a thogail le Dubs ann an Glaschu agus chaidh an toirt don Rathad-iarainn san Ògmhios air a' bhliadhna seo. Chaidh ceithir a bharrachd, a chaidh a thogail le Dubs cuideachd, (àireamhan 146 gu 149), a thoirt don Rathad-iarainn san Iuchar 1902 agus chaidh dà a bharrachd (àireamhan 30 agus 35) a thogail leis an North British Locomotive Co. ann an 1910 agus 1911. Chaidh na locothan seo uile seo don LMS às dèidh a' bhuidheanachaidh (grouping) agus chaidh an toirt à seirbheis mus deach na rathaidean-iarainn don roinn phoblaich ann an 1948.

Dh'fhosgail Stèisean Bhlàr Athall air a' phrìomh-loidhne eadar Peairt is Inbhir Nis anns an t-Sultain 1863. Bha ainm an stèisein air a litreachadh mar 'Blair Athole' (seach Blair Atholl) an toiseach fad beagan bliadhnaichean. Dhùin an stèisean ri seirbheisean bathair anns an t-Samhain 1966 ach bidh trèanaichean luchd-siubhail a' stad ann fhathast.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 10 agus loco clas Castle nach-aithnichear aig ceann trèana ann am Blàr Athall

PEAIRT: Blàr Athall

stèisean rathaid-iarainn; stèiseanan rèile; Comann Rathaid-iarainn na Gàidhealtachd; HRS; locothan; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations