Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Air cùl trì locothan, Blàr Athall, an Lùnastal 1931
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_205
ÀITE
Blàr Athall
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt; Garbhchrìochan Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
DEIT
Lùnastal 1931
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
26927
KEYWORDS
stèisean rathaid-iarainn
stèiseanan rèile
locothan
Rear views of three locomotives at Blair Atholl, August 1931

San deilbh seo, chithear sealladh a chaidh a thogail air cùlaibh trì locothan (bho chlì gu deas, LMS 15306, 15307 agus 15304) anns a' ghàrradh-rèile ann am Blàr Athall san Lùnastal 1931. Is e einnseanan-tanca 0-6-4 a bh' annta uile, a chaidh a thogail do Rathad-iarain na Gàidhealtachd eadar 1910 agus 1912. B' e na h-àireamhan tùsail a bh' orra: HR 42, 44 agus 43. Chaidh an togail uile leis an North British Locomotive Co. ann an Glaschu.

Dh'fhosgail Stèisean Bhlàr Athall air a' phrìomh-loidhne eadar Peairt is Inbhir Nis anns an t-Sultain 1863. Bha ainm an stèisein air a litreachadh mar 'Blair Athole' (seach Blair Atholl) an toiseach fad beagan bliadhnaichean. Dhùin an stèisean ri seirbheisean bathair anns an t-Samhain 1966 ach bidh trèanaichean luchd-siubhail a' stad ann fhathast.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Air cùl trì locothan, Blàr Athall, an Lùnastal 1931

PEAIRT: Blàr Athall

1930an

stèisean rathaid-iarainn; stèiseanan rèile; locothan

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

San deilbh seo, chithear sealladh a chaidh a thogail air cùlaibh trì locothan (bho chlì gu deas, LMS 15306, 15307 agus 15304) anns a' ghàrradh-rèile ann am Blàr Athall san Lùnastal 1931. Is e einnseanan-tanca 0-6-4 a bh' annta uile, a chaidh a thogail do Rathad-iarain na Gàidhealtachd eadar 1910 agus 1912. B' e na h-àireamhan tùsail a bh' orra: HR 42, 44 agus 43. Chaidh an togail uile leis an North British Locomotive Co. ann an Glaschu. <br /> <br /> Dh'fhosgail Stèisean Bhlàr Athall air a' phrìomh-loidhne eadar Peairt is Inbhir Nis anns an t-Sultain 1863. Bha ainm an stèisein air a litreachadh mar 'Blair Athole' (seach Blair Atholl) an toiseach fad beagan bliadhnaichean. Dhùin an stèisean ri seirbheisean bathair anns an t-Samhain 1966 ach bidh trèanaichean luchd-siubhail a' stad ann fhathast.