Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' lìonadh BR 34004 le uisge ann am Blàr Athall
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_207
ÀITE
Blàr Athall
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt; Garbhchrìochan Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
26928
KEYWORDS
stèisean rathaid-iarainn
stèiseanan rèile
Comann Rathaid-iarainn na Gàidhealtachd
HRS
locothan
BR 34004 taking on water at Blair Atholl

San deilbh seo, chithear BR 34004 agus e ga lìonadh le uisge ann am Blàr Athall.

Chaidh an loco seo a thogail airson an Southern Railway ann an 1945. Bha e air aon den chlas "West Country Pacific" 4-6-2 aig an Southern Railway agus bha an t-ainm 'Yeovil' air an toiseach. Chaidh ath-thogail ann an 1958 agus chaidh a toirt à seirbheis ann an 1967. Bha e mar phàirt den 'deuchainn iomlaid locothan' ann an 1948. Chaidh teandair LMS a thoirt dha agus dh'obraich e air an loidhne eadar Inbhir Nis agus Peairt.

Dh'fhosgail Stèisean Bhlàr Athall air a' phrìomh-loidhne eadar Peairt is Inbhir Nis anns an t-Sultain 1863. Bha ainm an stèisein air a litreachadh mar 'Blair Athole' (seach Blair Atholl) an toiseach fad beagan bliadhnaichean. Dhùin an stèisean ri seirbheisean bathair anns an t-Samhain 1966 ach bidh trèanaichean luchd-siubhail a' stad ann fhathast.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' lìonadh BR 34004 le uisge ann am Blàr Athall

PEAIRT: Blàr Athall

stèisean rathaid-iarainn; stèiseanan rèile; Comann Rathaid-iarainn na Gàidhealtachd; HRS; locothan

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

San deilbh seo, chithear BR 34004 agus e ga lìonadh le uisge ann am Blàr Athall. <br /> <br /> Chaidh an loco seo a thogail airson an Southern Railway ann an 1945. Bha e air aon den chlas "West Country Pacific" 4-6-2 aig an Southern Railway agus bha an t-ainm 'Yeovil' air an toiseach. Chaidh ath-thogail ann an 1958 agus chaidh a toirt à seirbheis ann an 1967. Bha e mar phàirt den 'deuchainn iomlaid locothan' ann an 1948. Chaidh teandair LMS a thoirt dha agus dh'obraich e air an loidhne eadar Inbhir Nis agus Peairt. <br /> <br /> Dh'fhosgail Stèisean Bhlàr Athall air a' phrìomh-loidhne eadar Peairt is Inbhir Nis anns an t-Sultain 1863. Bha ainm an stèisein air a litreachadh mar 'Blair Athole' (seach Blair Atholl) an toiseach fad beagan bliadhnaichean. Dhùin an stèisean ri seirbheisean bathair anns an t-Samhain 1966 ach bidh trèanaichean luchd-siubhail a' stad ann fhathast.