Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
BR 62277, 'Gordon Highlander' air trèana ann Coit a' Ghartain 1953
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_213
ÀITE
Coit a' Ghartain
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
DEIT
1953
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
26933
KEYWORDS
stèiseanan rèile
trèanaichean
locothan
einnseanan
BR 62277 'Gordon Highlander' on train at Boat of Garten, 1953

Chithear BR 62277, 'Gordon Highlander' air trèana ann an àrd-ùrlar 'bay' ann an stèisean Coit a' Ghartain ann an 1953. Chaidh an t-einnsean a thogail ann an 1920 leis an North British Locomotive Company ann an Glaschu agus b' e seo fear de na locothan mu dheireadh do luchd-siubhail a chaidh a dhealbhadh do Rathad-iarainn Mòr Cheann a Tuath na h-Alba (Great North of Scotland). B' e 'an Saighdear' am far-ainm a bh' air an loco seo agus chaidh a thoirt à seirbheis ann an 1958. Chaidh a chleachdadh airson tursan rèile-smùid gu 1966 nuair a chaidh a chur a-steach do Thaigh-tasgaidh Còmhdhail Ghlaschu.

Bha an stèisean uair na cheann-rèile eadar prìomh-loidhne Rathaidean-iarainn na Gàidhealtachd eadar Peairt is Farrais agus meur-loidhne Rathad-iarainn Mòr Cheann a Tuath na h-Alba (Great North of Scotland) gu Creag Eileachaidh. Dh'fhosgail e ann an 1863 agus dhùin e ann an 1965. Chaidh pàirt den loidhne eadar an Aghaidh Mhòr agus Coit a' Ghartain ath-fhosgladh leis an rathad-iarainn glèidhte Rathad-iarainn Shrath Spè, a thoisich air trèanaichean a ruith ann an 1978. Tha dà àrd-ùrlar ann do luchd-siubhail agus tha a' mhòr-chuid de na carbadan-rèile aig Rathad-iarainn Srath Spè anns a' ghàrradh-rèile.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

BR 62277, 'Gordon Highlander' air trèana ann Coit a' Ghartain 1953

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

1950an

stèiseanan rèile; trèanaichean; locothan; einnseanan

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Chithear BR 62277, 'Gordon Highlander' air trèana ann an àrd-ùrlar 'bay' ann an stèisean Coit a' Ghartain ann an 1953. Chaidh an t-einnsean a thogail ann an 1920 leis an North British Locomotive Company ann an Glaschu agus b' e seo fear de na locothan mu dheireadh do luchd-siubhail a chaidh a dhealbhadh do Rathad-iarainn Mòr Cheann a Tuath na h-Alba (Great North of Scotland). B' e 'an Saighdear' am far-ainm a bh' air an loco seo agus chaidh a thoirt à seirbheis ann an 1958. Chaidh a chleachdadh airson tursan rèile-smùid gu 1966 nuair a chaidh a chur a-steach do Thaigh-tasgaidh Còmhdhail Ghlaschu. <br /> <br /> Bha an stèisean uair na cheann-rèile eadar prìomh-loidhne Rathaidean-iarainn na Gàidhealtachd eadar Peairt is Farrais agus meur-loidhne Rathad-iarainn Mòr Cheann a Tuath na h-Alba (Great North of Scotland) gu Creag Eileachaidh. Dh'fhosgail e ann an 1863 agus dhùin e ann an 1965. Chaidh pàirt den loidhne eadar an Aghaidh Mhòr agus Coit a' Ghartain ath-fhosgladh leis an rathad-iarainn glèidhte Rathad-iarainn Shrath Spè, a thoisich air trèanaichean a ruith ann an 1978. Tha dà àrd-ùrlar ann do luchd-siubhail agus tha a' mhòr-chuid de na carbadan-rèile aig Rathad-iarainn Srath Spè anns a' ghàrradh-rèile.