Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seada-einnsein Rathad-iarainn Mòr Cheann a Tuath na h-Alba, Coit a' Ghartain, 1949
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_221
ÀITE
Coit a' Ghartain
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
DEIT
20 An t-Sultain 1949
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
26940
KEYWORDS
stèiseanan rèile
Comann Rathad-iarainn na Gàidhealtachd
HRS
Great North of Scotland Railway engine shed at Boat of Garten, September 1949

Seo sealladh de sheada-einnsein Rathad-iarainn Mòr Cheann a Tuath na h-Alba (Great North of Scotland - GNSR) ann an Coit a' Ghartain. Chaidh an dealbh a thogail san t-Sultain 1949.

Is e an einnsean BR 62243, einnsean a chaidh a thogail don GNSR 4-4-0 ann an 1900.

Bha an stèisean uair na cheann-rèile eadar prìomh-loidhne Rathaidean-iarainn na Gàidhealtachd eadar Peairt is Farrais agus meur-loidhne Rathad-iarainn Mòr Cheann a Tuath na h-Alba (Great North of Scotland) gu Creag Eileachaidh. Dh'fhosgail e ann an 1863 agus dhùin e ann an 1965. Chaidh pàirt den loidhne eadar an Aghaidh Mhòr agus Coit a' Ghartain ath-fhosgladh leis an rathad-iarainn glèidhte Rathad-iarainn Shrath Spè, a thoisich air trèanaichean a ruith ann an 1978. Tha dà àrd-ùrlar ann do luchd-siubhail agus tha a' mhòr-chuid de na carbadan-rèile aig Rathad-iarainn Srath Spè anns a' ghàrradh-rèile.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seada-einnsein Rathad-iarainn Mòr Cheann a Tuath na h-Alba, Coit a' Ghartain, 1949

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

1940an

stèiseanan rèile; Comann Rathad-iarainn na Gàidhealtachd; HRS;

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Seo sealladh de sheada-einnsein Rathad-iarainn Mòr Cheann a Tuath na h-Alba (Great North of Scotland - GNSR) ann an Coit a' Ghartain. Chaidh an dealbh a thogail san t-Sultain 1949. <br /> <br /> Is e an einnsean BR 62243, einnsean a chaidh a thogail don GNSR 4-4-0 ann an 1900. <br /> <br /> Bha an stèisean uair na cheann-rèile eadar prìomh-loidhne Rathaidean-iarainn na Gàidhealtachd eadar Peairt is Farrais agus meur-loidhne Rathad-iarainn Mòr Cheann a Tuath na h-Alba (Great North of Scotland) gu Creag Eileachaidh. Dh'fhosgail e ann an 1863 agus dhùin e ann an 1965. Chaidh pàirt den loidhne eadar an Aghaidh Mhòr agus Coit a' Ghartain ath-fhosgladh leis an rathad-iarainn glèidhte Rathad-iarainn Shrath Spè, a thoisich air trèanaichean a ruith ann an 1978. Tha dà àrd-ùrlar ann do luchd-siubhail agus tha a' mhòr-chuid de na carbadan-rèile aig Rathad-iarainn Srath Spè anns a' ghàrradh-rèile.