Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Trèan aig Stèisean Bhrothaigh
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_237
ÀITE
Brothaigh
SGÌRE
Farrais
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH
DEIT
1935
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
26955
KEYWORDS
Loidhne Baile Cheith
Rèile na Gàidhealtachd
Train at Brodie Station

Tha an dealbh seo a' sealltainn trèana luchd-siubhail gu Inbhir Nis aig Stèisean Bhrothaigh air an loidhne eadar Inbhir Narann agus Farrais ann an 1935. Tha an dealbhadair a' sealltainn chun an ear.

Chaidh an stèisean fhosgladh air an 22ra dhen Dùbhlachd 1857 le Inverness & Aberdeen Junction Railway, agus dhùin e do luchd-siubhail air an 3mh dhen Chèitean 1965, agus do bhathar air an 28mh là dhen Dùbhlachd 1964. Bha an stèisean faisg air a' phrìomh rathad A96. Bha an crasg rèidh an lùib an rathaid bhig gu Caisteal Bhrothaigh. Tha togalach an stèisein coltach ris an t-seòrsa a thogadh an 'Inverness & Aberdeen Junction Railway', agus tha e an làthair fhathast ann an sealbh prìobhaideach.

'S e Barney 0-6-0 No. 17702 a bh' aig Rèile na Gàidhealtachd a th' anns an einnsean toisich. 'S e na Barneys an aon seòrsa de dh'einnsean 0-6-0 air Rèile na Gàidhealtachd. Bha 12 einnseanan ann den dealbhadh seo, a thogadh eadar 1900 agus 1907, a chaidh an cleachdadh gu ìre mhòr air na loidhnichean o Inbhir Nis gu Baile Cheith, agus gu Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa, nach robh cho cas ris a' phrìomh loidhne gu Peairt. Thugadh air falbh am fear mu dheireadh dhen t-seòrsa ann an 1952. Thogadh àireamh 17702 ann an 1902 mar Àireamh 21 aig Rèile na Gàidhealtachd agus thugadh air falbh e anns an Dàmhair 1949

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Trèan aig Stèisean Bhrothaigh

MOIREIBH

1930an

Loidhne Baile Cheith; Rèile na Gàidhealtachd

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Tha an dealbh seo a' sealltainn trèana luchd-siubhail gu Inbhir Nis aig Stèisean Bhrothaigh air an loidhne eadar Inbhir Narann agus Farrais ann an 1935. Tha an dealbhadair a' sealltainn chun an ear.<br /> <br /> Chaidh an stèisean fhosgladh air an 22ra dhen Dùbhlachd 1857 le Inverness & Aberdeen Junction Railway, agus dhùin e do luchd-siubhail air an 3mh dhen Chèitean 1965, agus do bhathar air an 28mh là dhen Dùbhlachd 1964. Bha an stèisean faisg air a' phrìomh rathad A96. Bha an crasg rèidh an lùib an rathaid bhig gu Caisteal Bhrothaigh. Tha togalach an stèisein coltach ris an t-seòrsa a thogadh an 'Inverness & Aberdeen Junction Railway', agus tha e an làthair fhathast ann an sealbh prìobhaideach.<br /> <br /> 'S e Barney 0-6-0 No. 17702 a bh' aig Rèile na Gàidhealtachd a th' anns an einnsean toisich. 'S e na Barneys an aon seòrsa de dh'einnsean 0-6-0 air Rèile na Gàidhealtachd. Bha 12 einnseanan ann den dealbhadh seo, a thogadh eadar 1900 agus 1907, a chaidh an cleachdadh gu ìre mhòr air na loidhnichean o Inbhir Nis gu Baile Cheith, agus gu Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa, nach robh cho cas ris a' phrìomh loidhne gu Peairt. Thugadh air falbh am fear mu dheireadh dhen t-seòrsa ann an 1952. Thogadh àireamh 17702 ann an 1902 mar Àireamh 21 aig Rèile na Gàidhealtachd agus thugadh air falbh e anns an Dàmhair 1949