- TIOTAL
- Stèisean Bhrothaigh
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_STATIONS_001_239
- ÀITE
- Brothaigh
- SGÌRE
- Farrais
- SIORRACHD/PARRAIST
- MOIREIBH
- DEIT
- 1975
- LINN
- 1970an
- CRUTHADAIR
- Stations UK 37828
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 26957
- KEYWORDS
- Loidhne Baile Cheith
Rèile na Gàidhealtachd

Tha an dealbh seo a' sealltainn Stèisean Bhrothaigh air an loidhne eadar Inbhir Narann agus Farrais ann an 1975. Tha an dealbhadair a' sealltainn dhan ear.
Chaidh an stèisean fhosgladh air an 22ra dhen Dùbhlachd 1857 le Inverness & Aberdeen Junction Railway, agus dhùin e do luchd-siubhail air an 3mh dhen Chèitean 1965, agus do bhathar air an 28mh là dhen Dùbhlachd 1964. Bha an stèisean faisg air a' phrìomh rathad A96. Bha an crasg rèidh an lùib an rathaid bhig gu Caisteal Bhrothaigh. Tha togalach an stèisein coltach ris an t-seòrsa a thogadh an 'Inverness & Aberdeen Junction Railway', agus tha e an làthair fhathast ann an sealbh prìobhaideach