Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stèisean Cnoc a' Bhealaidh
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_240
ÀITE
Cnoc a' Bhealaidh
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
DEIT
10 An Lùnastal 1951
LINN
1950an
CRUTHADAIR
A G Ellis
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
26958
KEYWORDS
Prìomh loidhne
Rèile na Gàidhealtachd
Broomhill Station

Tha an dealbh seo a' sealltainn Stèisean Cnoc a' Bhealaidh eadar Coit a' Ghartain agus Baile Ùr nan Granndach, a' sealltainn gu Coit a' Ghartain.

Chaidh Cnoc a' Bhealaidh fhosgladh le Inverness & Perth Junction Railway air an treas là dhen Lùnastal 1863, agus chaidh a dhùnadh do luchd-siubhail air an 18mh là dhen Dàmhair 1965 agus do bhathar air a' 25mh dhen Fhaoilleach 1965. Thugadh na rèilichean air falbh na b' anmoiche agus leagadh na togalaichean air fad. Bha togalach beag fiodha air an stèisean agus bothan fiodha do bhathar. Cha bhiodh cuid de na trèanaichean a' stad ach nuair a bhiodh iarrtas ann; bha an sanas air a chleachdadh gus innse gun robh luchd-siubhail a' feitheamh.

Chaidh an loidhne o Choit a' Ghartain gu Cnoc a' Bhealaidh ath-thogail le Rèile Srath Spè agus chaidh fhosgladh ann an 1997 air an aon làrach, le mac-samhail dhen stèisean agus dhen t-sanas. Bhiodh trèanaichean smùide a' ruith tro mhìosan an t-samhraidh on Aghaidh Mhòr gu Coit a' Ghartain. Chaidh an stèisean a chleachdadh mar Glenbogle anns an t-sreath "Monarch of the Glen" aig a' BhBC

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stèisean Cnoc a' Bhealaidh

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

1950an

Prìomh loidhne; Rèile na Gàidhealtachd

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Tha an dealbh seo a' sealltainn Stèisean Cnoc a' Bhealaidh eadar Coit a' Ghartain agus Baile Ùr nan Granndach, a' sealltainn gu Coit a' Ghartain.<br /> <br /> Chaidh Cnoc a' Bhealaidh fhosgladh le Inverness & Perth Junction Railway air an treas là dhen Lùnastal 1863, agus chaidh a dhùnadh do luchd-siubhail air an 18mh là dhen Dàmhair 1965 agus do bhathar air a' 25mh dhen Fhaoilleach 1965. Thugadh na rèilichean air falbh na b' anmoiche agus leagadh na togalaichean air fad. Bha togalach beag fiodha air an stèisean agus bothan fiodha do bhathar. Cha bhiodh cuid de na trèanaichean a' stad ach nuair a bhiodh iarrtas ann; bha an sanas air a chleachdadh gus innse gun robh luchd-siubhail a' feitheamh.<br /> <br /> Chaidh an loidhne o Choit a' Ghartain gu Cnoc a' Bhealaidh ath-thogail le Rèile Srath Spè agus chaidh fhosgladh ann an 1997 air an aon làrach, le mac-samhail dhen stèisean agus dhen t-sanas. Bhiodh trèanaichean smùide a' ruith tro mhìosan an t-samhraidh on Aghaidh Mhòr gu Coit a' Ghartain. Chaidh an stèisean a chleachdadh mar Glenbogle anns an t-sreath "Monarch of the Glen" aig a' BhBC