Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Trèana a' dol gu deas, Stèisean Bhrùra
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_256
ÀITE
Brùra
SGÌRE
Cill Donnan, Loth agus Clìn
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Clìn
DEIT
c.1910
LINN
1900an; 1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
26974
KEYWORDS
loidhne a' chinn a tuath
Rathad-iarainn na Gàidhealtachd
Southbound train at Brora Station

Anns an dealbh seo, chithear trèana a' dol gu deas aig Stèisean Bhrùra air an loidhne gu ruige Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa. Bha an dealbh seo air cairt-phuist.

Dh'fhòsgail an stèisean airson luchd-siubhail air 1 Samhain 18air 70 mar phàirt den rathad-iarainn aig Diùc Chataibh. Thòisich seirbheisean bathair goirid às dèidh seo. Sguir seirbheisean bathair san stèisean san Fhaoilleach 1984. Bidh trèanaichean luchd-siubhail gu Inbhir Ùige a' stad aig an stèisean seo.

Tha dà einnsean air an trèana seo: is e an loco de Chlas 'Small Ben', Air. 6 'Ben Armin' a th' anns a' chiad fhear. Chaidh na locothan seo a dhealbhadh le Peadar Drumainn. B' e seo a' chiad loco a dhealbhaich e às dèidh dha obair a thòiseachadh le Rathad-iarainn na Gàidhealtachd ann an 1896. Chaidh 20 locothon den t-seòrsa seo a thogail eadar 1898 agus 1906. Chaidh an dealbhadh airson trèanaichean aotrom do luchd-siubhail agus chaidh an cleachdadh gu tràth sna 1950an. Chan eil fhios againn dè an dàrna loco ach tha fios againn gur e 4-4-0 nas sine a th' ann

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Trèana a' dol gu deas, Stèisean Bhrùra

CATAIBH: Clìn

1900an; 1910an

loidhne a' chinn a tuath; Rathad-iarainn na Gàidhealtachd

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

Anns an dealbh seo, chithear trèana a' dol gu deas aig Stèisean Bhrùra air an loidhne gu ruige Inbhir Ùige agus Inbhir Theòrsa. Bha an dealbh seo air cairt-phuist. <br /> <br /> Dh'fhòsgail an stèisean airson luchd-siubhail air 1 Samhain 18air 70 mar phàirt den rathad-iarainn aig Diùc Chataibh. Thòisich seirbheisean bathair goirid às dèidh seo. Sguir seirbheisean bathair san stèisean san Fhaoilleach 1984. Bidh trèanaichean luchd-siubhail gu Inbhir Ùige a' stad aig an stèisean seo.<br /> <br /> Tha dà einnsean air an trèana seo: is e an loco de Chlas 'Small Ben', Air. 6 'Ben Armin' a th' anns a' chiad fhear. Chaidh na locothan seo a dhealbhadh le Peadar Drumainn. B' e seo a' chiad loco a dhealbhaich e às dèidh dha obair a thòiseachadh le Rathad-iarainn na Gàidhealtachd ann an 1896. Chaidh 20 locothon den t-seòrsa seo a thogail eadar 1898 agus 1906. Chaidh an dealbhadh airson trèanaichean aotrom do luchd-siubhail agus chaidh an cleachdadh gu tràth sna 1950an. Chan eil fhios againn dè an dàrna loco ach tha fios againn gur e 4-4-0 nas sine a th' ann