- TIOTAL
- Seada-einnsein, Ceann Bhuirgh
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_STATIONS_001_270
- ÀITE
- Am Broch
- SIORRACHD/PARRAIST
- MOIREIBH
- DEIT
- c.1950
- LINN
- 1950an
- CRUTHADAIR
- Henry Orbach/Highland Railway Society
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 26988
- KEYWORDS
- meur-loidhne Cheann Bhuirgh
Rathad-iarainn na Gàidhealtachd

Anns an dealbh seo, chithear seada nan einnsean ann an Ceann Bhuirgh. Tha an dealbhadair a' coimhead gu deas agus tha a' mheur-loidhne air an taobh chlì. Chaidh an rathad-iarainn eadar an Abhais agus Ceann Bhuirgh air an loidhne eadar Eilginn agus Farrais, fhosgladh le Rathad-iarainn Snaim Inbhir Nis agus Obar Dheathain air 22 Dùbhlachd 1862. Chaidh an rathad-iarainn seo na phàirt de Rathad-iarainn na Gàidhealtchd ann an 1865. Chaidh a' mheur-loidhne seo a leudachadh gu Hudaman air 10 Dàmhair 1892 agus chaidh stèisean ùr do luchd-siubhail fhosgladh aig an àm sin. B' e an seann stèisean an stèisean airson bathar gus an do sguir seirbheisean bathair air 7 Samhain 1966.
Chaidh seada nan loco a thogail ann an 1895. Chaidh a thogail an àite seada fiodha a chaidh a losgadh gu làr. Bha dà loco stèidhichte an seo nuair a bha seirbheis luchd-siubhal a' ruith air a' mheur-loidhne. Thathar a' smaoineachadh gun do dhùin an seada ann an 1938